SAOILIDH mi gu bheil mi air a bhi a' feitheamh air an naidheachd seo fad mo bheatha. Là eile agus nochdaidh Urras a' BhBC len co-dhùnadh an tèid iad air adhart le sianail telebhisean ann an Gàidhlig.
Mas e is gun tèid iad air adhart leis, bidh e a' ciallachadh gum bi sinn an ìre mhath far a robh na Cuimrich ann an 1984, an àite a bhi ann an linn is saoghal eile mar a tha sinn an-dràsta.
Mura tèid iad air adhart, seallaidh am BBC nach eil annta
ach buidheann dha Lunnainn, nach eil a' tuigsinn muinntir 'Nan Roinnean', is nach eil ag iarraidh a bhi gar tuigse. Carson a bhiodh? Chan eil annainn ach muinntir Nowheresville, mar a thuirt iad fhèin.
Ma thèid iad air adhart, bidh e a' ciallachadh gu bheil iad air beagan gliocais ionnsachadh, gu bheil iad air rudeigin ciallach a dhèanamh as dèidh dhaibh milleadh eagallach a dhèanamh orra fhèin an uiridh.
Chuir Urras a' BhBC uabhas air mìltean an uiridh nuair a chuir iad teagamh anns na planaichean son seirbheis ann an Gàidhlig le a bhi ag ràdh nach robh e follaiseach gum biodh buannachd gu leòr innte, agus gun fheuimte dearbhadh gun dèanadh an leithid gu leòr son daoine ùra a tharraing gu bhi ag ionnsachadh Gàidhlig.
Bha am beachdan mì-chothromach. Bha iad gun chiall. Dh' fhaighnich gu leòr ciamar a tha na tuarastail dha na 'rionnagan' mòra a' tarraing dhaoine gu bhi ag ionnsachadh Beurla. Nochd ceistean mu dheidhinn carson a dh' fheumas na sianailean radio is telebhisean is eadar-lìon a bhi ann an am Beurla agus iad a' faighinn airgid poblaich, ma tha leithid CNN a' dèanamh math gu leòr.
Tha am BBC gu h-oifigeil a' diùltadh innse dè a thig a-mach as a' cho-dhùnadh a nochdas a-màireach. Tha feadhainn am broinn na buidhne den bheachd gun leig iad leis an sianail a dhol air adhart.
Thuirt aon neach: "'S iongantach mar nach tèid iad air adhart leis. Tha sinn air uiread de dh' airgead a chaitheamh air trèineadh is ullachadh. Cha ghabh e bhi nach tèid e air adhart a nis."
Fhuair Urras a' BhBC a chàineadh son a bhi cho leam-leat mu adhbhair na Gàidhlig bho Phrìomh Mhinistear na h-Alba gun luaidh air a' chòrr. Agus Ailig Salmond a' bruidhinn a-mach son sianail anns a' chànain. Thuirt Daibhidh Cairns, ministear ann an Oifis na h-Alba, gum bu chòir an sianail a dhol air adhart.
Is math as fhiach rud sam bith a tha comasach air Salmond is Cairns a thoirt còmhla gu bhi ag aontachadh. Nach eil còir aig an sin fhèin a bhi a' toirt air Urras a' BhBC a bhi a' smaoineachadh?
Dh' fhaodadh an sianail Gàidhlig a dhol air adhart as aonais a' BhBC. Ach cha bhiodh e leth cho math. Anns an là a th' ann, chan eil càil cho cudromach dhan Ghàidhlig is dha coimhearsnachd na cànan ri Radio nan Gàidheal, a tha am BBC a' dèanamh air an ceann fhèin, agus a tha air leudachadh is soirbheachadh a dh' aindeoin cho duilich is a tha cuid anns a' BhBC air cùisean a dhèanamh dhan stèisean.
Ma thig an t-Urras a-mach son sianail telebhisean ann an Gàidhlig, 's e a bhios ann cothrom dhan Urras an dàimh a chàradh eadar fhèin air an aon làimh is gach uile anam anns an rìoghachd seo a tha comasachadh air smaoineachadh gu cothromach. Bha an ciad cho-dhùnadh cho do-chreidsinneach. Cho suarach. Cho cumhaing. Cho dall.
Chan eil mise ag ràdh gun cùm an sianail Gàidhlig a' chànan a' dol. Nì e diofar. Ach canaidh gu leòr gu bheil e gu bhi ro anmoch, gu bheil cunnart ann gum bi barrachd ag obair air an stèisean na a bhios ga choimhead. Agus is dòcha gu bheil iad ceart. Ach dh' fhaodadh an t-aon chasaid a chuir an aghaidh tòrr a tha anns na meadhanan. Tha na meadhanan Beurla làn de sgainnealan mu dheidhinn farpaisean nach robh nam farpaisean is 'fiosrachadh' nach robh na fhiosrachadh.
Bhathas a' putadh son sianail telebhisean ann an Gàidhlig ann am meadhan nan 70an. Cha robh sinn ach ag iarraidh an t-aon seòrsa frithealadh is a tha meanbh-sluaghan Eòrpach eile a' faighinn.
Tha beagan làithean bho bhàsaich cànan eile, tè ann an Alasca, rinn craobh-sgaoileadh milleadh co-labhairt air cànanan beaga an t-saoghail. Tha làn-thìde aig Urras a' BhBC tuigsinn gun fheum iad a bhi nam pàirt den fhuasgladh an àite a bhi a' cur ris an trioblaid.
English summaryTomorrow sees the BBC Trust decide whether to give the new Gaelic TV channel the go-ahead, with insiders predicting it will reverse its previous scepticism and allow the channel to be set up. The Trust enraged Gaels with its suggestion that the new channel would have to show it could encourage others to learn the language, while no such condition seems to apply to TV in English. The campaign for the channel has even united First Minister Alex Salmond and Labour Scotland Office minister David Cairns.
Teach yourself Gaelic
Sneachd: snowPronounced "shnyack", and while this year is an exception, snow is a lot less common in the Gaelic areas than it used to be. For Gaels, things are described as being as cold as snow, and not as cold as ice: cho fuar ris an t-sneachd (pronounced kho foo-yar rish in tnyack), as cold as snow. A snowflake is bleideag (bledjack).
To say it is snowing, try: Tha e a' cur an t-sneachd (hah e uh koor in tnyack) – literally it is putting the snow, snow is falling.
Ice is deigh, pronounced jay, and slippery is sleamhainn, pronounced shlav-veen.
When enough snow falls, try building a bodach-sneachd (bod-dokh shnyack), literally old man of snow, or snowman.
The full article contains 1070 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.