THA sinn gu bhi cho dòigheil a-nis leis an sianail ùr spaideil againn is gu bheil cunnart ann gun dìochuimhnich sinn air an fheum a dh' fhaodar an leithid a dhèanamh gus na coimhearsnachdan Gàidhlig a chuideachadh agus a neartachadh.
Nuair a thàinig an naidheachd mu dheidhinn na seirbhis ùir a-mach bho chionn cealla deug, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur e rud math a bhiodh ann leis gun dèanadh e feum dhan sgìre aca agus gum biodh an leithid a' cruthachadh oibrichean.
Agus
tha iad ceart.
Cha bu chòir dhaibh dìreach a bhi ag ràdh na rudan sin ann an sanas naidheachd a thig a-mach aon là. Bu chòir dhaibh a bhi ga ràdh a-rithist is a-rithist agus a-rithist. Bu chòir a bhi a' gabhail grèim teann air an seo mar ròn a' glacadh bradain. Bu chòir dhaibh a bhi a' cumail a' dol air an seo gun stad agus a' dèanamh nan ùghdarras craolaidh agus ar ceannardan poilitigeach sgìth len cuid èigheach is tagradh. Is cha bu chòir sgur gus am faigh iad na geallaidhean agus na h-oibrichean.
Bu chòir Comhairle nan Eilean Siar, agus feadhainn eile a tha a' riochdachadh nan sgìrean far a bheil a' Ghàidhlig làidir, sùil a thoirt air poileasaidh Gàidhlig an SNP a dh' fhoillsich am pàrtaidh ron taghadh an uiridh. Tha barrachd anns a' phoileasaidh sin na dìreach na rudan a bha anns a' mhanifesto aca son taghaidhean pàrlamaid na h-Alba.
Tha e gu math inntinneach. Tha e gu math ciallach. Am measg rudan eile, thathas a' bruidhinn air sgrùdadh feuch a bheil an t-ionmhas a tha a' dol a mach air craobh-sgaoileadh Gàidhlig dha-rìreabh gu buannachd gus na sgìrean fhèin far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn am brosnachadh. Saoilidh mise gu bheil sin a' ciallachadh gu bheil iad ag iarraidh oibrichean is airgead a bhi anns na sgìrean Gàidhlig, na sgìrean eileanach.
Feumaidh an riaghaltas is ministearan cuimhneachadh air a' gheallaidh sin agus sùil a chumail feuch ciamar a tha airgead air craobh-sgaoileadh ga chaitheamh.
Bho shealladh tagraidhean Chomhairle nan Eilean Siar, seo àm cho math is a bha ann agus a bhios ann. Tha ministearan Riaghaltas na h-Alba air leigeil fhaicinn nach eil iad den bheachd gum bu chòir na muilnean mòra gaoithe a bhi air an stèidheachadh ann an Leòdhas. Tha sin a' fàgail comhairlichean a' faighneachd dhan Riaghaltas càite a bheil am Plana B acasan gus cosnaidhean is beartas a bhi anns na h-Eileanan mura h-eil na factaraidhean gaoithe gu bhi ann idir.
Tha mise den bheachd gu bheil na ministearan ceart a thaobh a bhi a' cur an aghaidh nan tuath-gaoithe, ach an dèidh sin, chan eil sin a' lagachadh argamaid nan comhairliche gum bu chòir na h-ùghdarrasan againn ann an Dùn ideann beachdachadh còmhla ri na h-eileanaich air dè chumas na sgìrean Gàidhlig a' dol.
Ma tha airgead gu bhi air a chaitheamh air craobh-sgaoileadh ann an Gàidhlig, feumaidh e a bhi na amas gu bheileas gu bhi a' caitheamh an ionmhais sin gus daoine a chumail anns na sgìrean Gàidhlig. A bharrachd air an sin, chan eil càil a' mhath dha Albannaich a bhi ag iarraidh barrachd prògraman a bhi gan dèanamh ann an Alba air an aon làimh, agus ag ràdh gun fheum a' mh"r-chuid de na prògraman Gàidhlig a bhi air tìr-mòr is chan ann anns na sgìrean iomallach.
Bidh feum air feadhainn a bhi air Ghalltachd, bidh is bu chòir luchd-naidheachd a bhi aig Radio nan Gàidheal is Seirbhis ùr na Gàidhlig ann am pàrlamaid na h-Alba. Bu chòir dha na Gàidheil a bhi a' faighinn a-mach dè a tha a' dol agus bu chòir fios a bhi aig luchd-poilitics gu bheil muinntir na Gàidhlig ann agus gun fheum aire a thoirt dhuinn.
Ach a thaobh rudan eile, bu chòir gur e a' chiad roghainn a bhios ann dha prògraman is goireasan na sgìrean eileanach far a bheil Gàidhlig air a bruidhinn. Bho shealladh nan eileanach is nan Gàidheal, chan eil iad idir iomallach, 's iad an cridhe.
Tha Seirbhis ùr na Gàidhlig gu bhi ann gus a bhi a' frithealadh luchd-labhairt Gàidhlig na h-Alba agus gu bhi gar cuideachadh ar cànan a chumail a' dol. Chan e craobh-sgaoileadh nam prògram a-mhàin a nì sin, ach càite a bheil iad air an dèanamh.
English summaryNow that the Gaelic channel is on the way, attention should turn to where the money is being spent and where the programmes are being made. Prior to the 2007 election, the SNP spoke of the need for an audit of whether the money being spent on Gaelic programmes is effective in strengthening the Gaelic communities. The Western Isles Council, sore over ministers' opposition to the large wind farm for Lewis, should seize on this issue.
Teach yourself GaelicBreac: speckled, spotted
Pronounced "breck", this word can refer to anything which is spotted or speckled, especially when describing animals or landscapes. It is also the Gaelic word for trout, because of the pattern on a trout's skin. In the past, some linguists would use the phrase Breac Gàidhealtachd to refer to areas on the edge of the Gaelic-speaking areas, especially on the Scottish mainland, where the language was only spoken by a significant minority of locals. Breacan (pronounced breck-kan) is the Gaelic word for tartan, although some use tartan, which looks the same as in English but is actually pronounced tarst-tan, as an alternative.
The full article contains 1026 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.