CHUIR iad an aghaidh nan sanasan-rathad ann an Gàidhlig, agus tha e a' coimhead coltach a nis gu bheil seasamh nan comhairliche an aghaidh cànan nan Gàidheal a' ciallachadh nach eil luchd-teagaisg Gàidhlig ag iarraidh dhan sgìre.
Tha fiosrachadh a fhuaras bho Chomhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gun tug càineadh air a' Ghàidhlig a nochd agus a chaidh aithris anns an sgìre buaidh air co-dhùnadh neach-teagaisg Gàidhlig gun a thighinn a theagasg ann an Inbhir Theòrsa. Tha sin a'
fàgail nach bidh teagasg tron chànain ann am bliadhna mar a bha dùil.
A bharrachd air an sin, thathas ag aideachadh gu bheil beachdan a nochd an aghaidh na Gàidhlig anns an sgìre gu bhith ga dhèanamh duilich dhaibh neach-teagaisg a bharrachd fhaighinn.
Tha sin a' ciallachadh nach eil càil a dhùil ri fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a bhith ann am bliadhna. Agus chan eil càil a dh' fhios a bheil e gu bhith ann ann am bith.
Smaoinichibh. Nam biodh e follaiseach gu robh sgìrean ann a bha toirmisgte dha daoine dubha, Àisianaich, muinntir cheann an ear na Roinn Eòrpa, no as bith dè, bhiodh muirt is sgainneal is èigheach ann. A rèir coltais, chan eil anns an seo, ach dìreach "fear de na suidhichean sin."
Ann am post-dealain a chuir roinn an fhòghlaim ann an Comhairle na Gàidhealtachd gu tè-iomairt na Gàidhlig anns an sgìre. Thuirt fear de dh' oifigich na buidhne: "Bha e an tagraiche air a cuir dheth air sgàth beachdan an aghaidh na Gàidhlig a chaidh a sgaoileadh fad is farsainn anns na meadhanan."
Lean am post-d air adhart: "Nì an t-ùghdarras a h-uile càil a ghabhas gus an suidheachadh a rèiteach, ach tha trioblaidean nam margaidean-obrach agus am faireachdainn an aghaidh na Gàidhlig anns an sgìre gu h-àraid duilich."
'S e an rud, ann an cuid de dhùthchannan eile, chleachdadh iad saighdearan gus coimhearsnachdan a dhìon bho mhì-rùn is droch fhaireachdainn nan aghaidh.
Chùm Comhairle na Gàidhealtachd coinneamhan le pàrantan a bha ag iarraidh fòghlaim Gàidhlig anns an t-fhoghair an uiridh. Ach cha do thòisich iad le na còmhraidhean leis an tagraiche son an dreuchd gu 23mh den Og-Mhìos, bha sin còrr is mìos as dèidh dhan àm son tagraidhean a dhùnadh.
Tha luchd-iomairt na Gàidhlig anns an sgìre fiadhaich. Tha iad a' faighneachd carson a thug Comhairle na Gàidhealtachd cho fada gun na còmhraidhean a chumail leis an neach-teagaisg.
Thathas a' gearain nach eil e ceart no cothromach. Chan eil e ceart no cothromach. Tha clàr aig a' chomhairle anns an sgìre de luchd-teagaisg Beurla a dh' fhaodas a thighinn a-steach ma tha an leithid a dhith. Chan eil sin ann dhan Ghàidhlig. An dùil an canadh Comhairle na Gàidhealtachd nach biodh fòghlam Beurla ann nam biodh trioblaidean aca luchd-teagaisg a lorg? No a bheil na sochairean sin ann a-mhàin dha cànan nan Gall?
Thuirt fear-labhairt Bòrd na Gàidhlig gu robhas ag obair leis a' chomhairle gus feuchainn ri tagraiche a lorg a bhiodh comasach air an obair a dhèanamh.
Thuirt fear-labhairt Riaghaltas na h-Alba: "Tha a' Ghàidhlig cudromach dha Alba air fad. Agus tha sinne son a' Ghàidhlig a neartachadh agus adhartachadh. Ma tha mì-rùn air a bhith an aghaidh na Gàidhlig, chan eil sinne a' dol a ghabail ris an sin."
Thuirt Caitrìona Jones, a tha ag iomairt air taobh na Gàidhlig anns an sgìre: "Chan eil seo ceart no cothromach. Thug iad ro fhada gun na còmhraidhean a chumail, agus chan eil sinne a' tuigsinn carson nach fhaod iad càil a dhèanamh mun seo tron t-samhradh. Shaoilinn gum biodh an cothrom ann feuchainn ri neach-teagaisg a lorg."
Sin agaibh obair nan comhairlichean. Chan eil càil aca an aghaidh na Gàidhlig, 'eil fhios agaibh. 'S e dìreach, dìreach, gum b' fheàrr leo rud sam bith fhaicinn ach cainnt cunnartach nan Gàidheal nam measg. Agus mus dìochuimhnich sibh, bha Lochlannaich anns an sgìre uaireigin. Cha leig iad leinn dearmad a dhèanamh air an sin.
Dha-rìreabh, 's iad nach leig air chor sam bith.
'S iad a tha coma mun chlann a chaill an cothrom air fòghlam ann an cainnt nan Gàidheal.
TEACH YOURSELF GAELICTuath: north/rural area
Pronounced too-ah, tuath has a series of different meanings according to context. Most common meaning is north, and is the opposite of deas – pronounced jass – which is south. Tuath can also mean rural area. Tha mi a' fuireach air an tuath – Hah mee uh foor-rokh ur in too-ah – I live in the countryside. It can also mean farm – tha tuath agam – hah too-ah ack-um – I have a farm. Context should make it clear, no one can own "a north" or "a countryside". Little words can make the difference. Tha mi a' fuireach anns an tuath – Ha mee uh foo-rokh ans in too-ah – I live in the north. Air an tuath – literally on 'the north' – is in the countryside. Air tuath – on 'a north' – is on a farm.