Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Sunday, 29th June 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Feumar làn rannsachadh poblach dha Tuath-Gaoith Leòdhais



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 20 January 2008
MA ghabhas na fathannan timcheall air pàrlamaid na h-Alba a chreidsinn, dh' fhaodadh gu bheil atharrachadh mòr air fàire.
As dèidh ùine mhòr nuair a bha iad na aghaidh no teagmhach, tha e coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba, riaghaltas SNP, a' smaoineachadh mu dheidhinn leigeil le tuath-gaoithe mòr Mòinteach Bharbhais a dhol air adhart.

Chan fhada, a-rèir cuid, gus
an cluinn sinn iad ag ràdh nach tuirt iad a-rìamh gu follaiseach gu robh iad na aghaidh mar sin. Gun fheum coimhead ris a' cho-theagasg, gun fheum gabhail ri cùisean mar a tha iad anns an saoghal anns a bheil sinn beò. Gun fheumar coimhead air dòighean eile gus cumhachd a dhèanamh agus sinn air ar cùl a chuir ri cumhachd niùlasach agus gun fheum a dhol air adhart leis a' phròiseic t.

Sin na tha na h-iseanan aig a' phàrlamaid air a bhi ag ràdh rium.

Tha min dòchas gu bheil mi air mo mhealladh agus nach eil brìgh ann am bìogail nan isean. Cha bu chòir dhaibh leigeil leatha a dhol air adhart gun rannsachadh poblach.

Ma leigeas iad leatha, bidh e a' ciallachadh gu bheil ministearan SNP air tòiseachadh èisteachd cus ri na Sir Humphreys anns na deisichean, agus ris an luchd-càinidh anns na meadhanan. Tha luchdsgrìobhaidh gan càineadh seach is gu bheileas air co-dhùnadh nach bi cumhachd atomach ann an Alba, isiad a' faighneachd co as mar sin a thig cumhachd gus na solais a chumail air? Thathas a' cumail a mach gun fheum riaghaltas Ailig Salmond leigeil le pròiseict Leòdhais a dhol air adhart gus am bi cumhachd gu leòr againn. Sin na thathas ag ràdh, ach ma leigeas iad le seo a dhol air adhart, thig adhbhairean eile son a bhi a' cur sìos air riaghaltas Ailig Salmond.

Bu chòir dhaibh leigeil le rannsachadh poblach ceart a bhi ann gus an gnothaich a meas gu ceart. Agus bu chòir gach taobh a bhi deònach gabhail ri co-dhùnadh an rannsachaidh. Tha Comhairle nan Eilean son an leasachaidh, ach chan eil muinntir an Taobh Siar is muinntir Nis, is tha na mìltean air nochdadh gu bheil iad an aghaidh nam planaichean. Leis a h-uile hurram dha na buidhnean glèidhteachais, coma leibh dè a tha Commun Rìoghail son Dìon nan Eunlaith ag ràdh. Leis a h-uile h-urram dha luchd-naidheachd a tha a' fuireach anns na bailtean mòra ann an ceann a deas na h-Alba, dragh a' choin dè a tha mise a' smaoineachadh. Tha Nisich, Siaraich, croitearan, an aghaidh seo. Èistibh riusan.

Nochd naidheachd an seachdain seo chaidh mu dheidhinn aonta gus na tùran a thogail ann an Arnais ann an Leòdhas mas e is gun tèid am pròiseict air adhart. Chan eil an gealladh cho dona is a bhiodh cuid a tha an agaidh nan tuath-gaoith a' cumail a-mach. Bhiodh oibrichean ann. Timcheall air 50 son co-dhiù ceithear bliadhna. Bhiodh obair cheart ann. Tha mi a' tuigsinn nach e dìreach na cnothan is na tarraigean ma dheireadh a bhiodh iad a' cur a-steach an seo, ach gun tigeadh an stàillin a-steach a Leòdhas gu bhi air a dhèanamh mar tùran dha na muilnean gaoithe. Bhiodh obair cheart ann.

Tha luchd-labhairt a' phròiseict den bheachd gu bheil an t-aonta mun obair dha Arnais a' sealltainn mar a dh' fhaodas na h-Eileanan an Iar buannachd a dhèanamh a-mach a na tuathan-gaoithe. 'S e a' cheist a bhios air gu leòr ge-tà, dè nì na h-Eileanaich nuair a bhios an obair togail deiseil agus na h-Eileanaich gam fàgail le na muilnean os an cionn?

ha an leasachadh seo cho mòr, cho bunaiteach, is nach bu chòir dha a bhi ann an làmhan aon mhinisteir.

Feumaidh rannsachadh poblach a bhi ann. Chan eil sgot aig an argamaid gun fheum cabhag a dhèanamh. Cha stad a' ghaoth fhad is a bhios an rannsachadh a' dol. Ma tha gaoth gu leòr ann an-dràsta, bidh i ann ann an còig mìosan no còig bliadhna eile.

Ma tha riaghaltas na h-Alba dharìreabh ag iarraidh am poileasaidh air rudeigin atharrachadh, bu chòir dhaibh sùil eile a thoirt air cumhachd niùclasach.

*Tha riaghaltas Bhreatainn ag ainmeachadh goireasan ùra dha teagasg na Beurla. Ach tha e annsachadh cho beag agus a chluinnear ma dheidhinn mar a dh' fhaodadh an t-airgead dhan seo a bhi a' pàigheadh dha ospadail is an leithid.

English summary

There should be a full public inquiry into the proposed Barvas Moor windfarm in Lewis. While the islands council is in favour, locals in the areas to be affected are opposed.

Such a major development will alter the island dramatically and cannot be left to one single minister under pressure to answer accusations that the plan must go ahead after the SNP's rejection of nuclear power.

There is no hurry, the Hebrides will not run out of wind anytime soon.

TEACH YOURSELF GAELIC

Seanair: grandfather

Pronounced shann-nar – or shenn-nar, depending on dialect. It comes from bolting a word for old, sean, to athair, meaning father, and dropping a syllable to shorten the word.

The Gaelic for grandmother, seanmhair, pronounced shannav-var – works the same, by coupling sean to màthair, which means mother. Seanair appears in an idiom which Gaels use to lampoon the pretentious or ultra-modern in much the same way as the Chewin The Fat Oo-oo-hh, fancy! sketch.

B' eòlach do sheanair air… pronounced Byol-lokh do hannnar ur… means Your grandfather knew that... Best used with a sarcastic tone or rolled eyes.



The full article contains 1017 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 27 February 2008 11:56 AM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.