Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Ciamar a tha e ceart gu leòr dhaibhsan gun a bhi a' bhòtadh?

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 30 March 2008
Chan eil iad a' tuigsinn. Carson a bhiodh iad?
THA e iongantach mar a tha ar cuid ceannardan den bheachd nach eil na h-aon riaghailtean a' toirt buaidh orrasan mar tha iad a' buaileadh oirnne. Tha iad a' caitheamh nan ceud-mìltean de notaichean den airgead againn gus fiosrachadh mu thaighean nam
ball-pàrlamaid a chumail dìomhair, air sgàth is gu bheil draghan orra mu dheidhinn "tèarainteachd". Cha do chuir tèarainteachd mòran dragh orra nuair a chruinnich iad fiosrachadh pearsanta mu dhaoine son a chruinneachadh agus a chuir air dà chlàr CD gus an cailleadh iad anns a' phost e.

Aon riaghailt dhaibhsan, is fear eile dhuinne.

Rud eile a thog ceann thairis air deireadh na seachdain seo chaidh nuair a bha ùpraid mhòr a' dol mu dheidhinn a bhi ag obair air ceallan mac an duine. Fàgaidh sinn na h-argamaidean mu dheidhinn nam planaichean fhèin son mionaid. Ach cuimhnichibh gun robh ministearan ag iarraidh air an fheadhainn a tha an aghaidh molaidhean a' bhile gun bhòtadh idir agus mar sin gum faigheadh an lagh ùr troimhe.

Hmmm, cha bhiodh iad a' bhòtadh. Càite an do chuala sinn bruidhinn mu dheidhinn sin roimhe seo?

Cuiridh mi nur cuimhne e. A h-uile treub a bhios taghadh ann, bithear a' caitheamh nam mìltean mòra notaichean ann an sanasan son toirt oirnn a bhi a' bhòtadh. Tha iad a' searmonachadh dhuinn gun fheum sinn a thighinn a-mach a bhòtadh agus iad a' cumail a-mach gu bheil e mar fhiachaibh oirnn a dhol a-mach a bhòtadh. Agus as dèidh dha nochdadh gu bheil timcheall air 40% gun a thighinn a-mach a bhòtadh, tha am bruidhinn a' tòiseachadh. 'S ann a bhios feadhainn ag iarraidh an lagh atharrachadh gus an fheum daoine bhòtadh no bidh ann an cunnart nochdadh anns an taigh-chùirt. Nach eil barrachd aig na poilis, luchd-casaid is aig na cùirtean ri dhèanamh. Tha e coltach gu bheil e math gu leòr dha buill-pàrlamaid gun a bhi a' bhòtadh ach chan eil e idir cho math dha truaghain coltach ruinne. Feumaidh sinne, a rèir coltais, ar dleastanas a dhèanamh ach leigeil leòsan gun bhòtadh a-mhàin nuair a thoilleas iad fhèin. Tha iadsan cho glic, eil fhios agaibh, tha fios acasan cuin a tha e cothromach gun a bhi a' bhòtadh agus cuin a dh' fheumar sin a dhèanamh. Tha an gliocas sin air a bhuileachadh orrasan, ach chan eil e againn idir. Thathas a' cuamail a-mach gu bheil e ceart gu leòr dhaibhsan gun a bhi a' bhòtadh ach nach eil annainn ach salchairean ma leanas sinn an eisimpleir acasan. Aon lagh dhaibhsan is fear eile dhuinne.

Chan eil iad a' tuigsinn. Carson a bhiodh iad? Faodaidh iad fhèin bhòtadh son tuarastail a bharrachd dhaibh fhèin gun iad fhèin a bhi a' pàigheadh air a shon. Cha ruig iad an leas dragh a ghabhail mu dheidhinn taighean is peinnseanan, tha iad a' faighinn nan rudan co-dhiù ged as bith dè cho comasach agus cho èasgaidh agus a bhios iad.

Tha poilitics an là an-diugh làn de dhaoine a tha a' bruidhinn air ciamar a dh' atharraicheas iad dol-a-mach an t-sluaigh gu bhi gar h-oideachadh gu bhi nas fheàrr. Eadar a h-uile càil bho chàraichean mòra gu pocannaan plastaig, thathas airson a bhi gar stiùireadh, gar cuir anns an àite cheart, gar dèanamh nas fheàrr. Chan eil guth orra fhèin. Chuir iad an saoghal gu lèir na theine le breugan is mearachdan mu uidheaman-cogaidh agus ar toirt a-steach ann an blàr is cogadh gun bhrìgh.

Chruthaich iad rìoghachd far a bheil a' cosg nam mìltean mòra a dhol gu oilthigh no colaiste, far a bheil e fada ro dhaor dha daoine nàdarrach taigh a cheannach, far a bheil feagal am beatha air na milleanan sguir a dh' obair nuair a ruigeas iad aois le mì-chinnt nam peinnsean. Agus tha ceist air gu leòr an fhiach e leis nach fhaigh daoine uiread de shochairean ma ghlèidh iad airgead is ma chruinnich iad peinnsean fad am beatha.

Agus a bharrachd air an sin, tha eaconomaidh na rìoghachd a-nis a' coimhead cugallach. Dè am freagairt a bh' aig an riaghaltas dhan seo? Tha gun do dh' ainmich iad sreath ùr de riaghailtean gus am bi bratach Bhreatainn ga chuir an àirde gach là os cionn togalaichean poblach.

Mìorbhaileach. Agus thathas a' gabhail uamhas nach eil daoine a' tighinn a-mach a bhòtadh.









The full article contains 828 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 29 March 2008 8:23 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
  • Related Topics: Gaelic language
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.