Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement

 
 
Sunday, 24th August 2008 Change Date

Premium Article !

Your account has been frozen. For your available options click the below button.

Options

Premium Article !

To read this article in full you must have registered and have a Premium Content Subscription with the Scotland On Sunday site.

Subscribe

Registered Article !

To read this article in full you must be registered with the site.

Nam aonar le mo smuaintean



Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 20 July 2008
NAN creideadh sibh cuid shaoileadh sibh gur e an rud a bu mhiosa a dh' fhaodadh neach a dhèanamh a bhith a' togail ceistean is a' càineadh. Tha saoghal na Gàidhlig air a bhith an lùib deasbad ùr mo chor ar cànan is ar dòighean. A bheil sinn gu bhith no nach eil, agus a bheil na buidhnean oifigeil a' dèanamh na bu chòir dhaibh.
'S e an rud as mò a chuir uallach ormsa 's e beachd Bòrd na Gàidhlig mu dheidhinn briathran Fhionnlaigh MhicLeòid mu chor na Gàidhlig agus cho math is a tha iadsan a' dèanamh. Thàinig iad a-mach le briathran làidir ag ràdh cho "maslach" agus a bha do
l-a-mach MhicLeòid agus cho ceàrr is a bha esan a bhith càineadh. Shaoilinn ann an saoghal far a bheil a h-uile neach ag obair còmhla ri chèile, gum biodh iad leigte smaoineachadh air na puingean a thathas a' togail.

Chan e saoghal mòr a th' ann an saoghal na Gàidhlig ann. Tha leisg mòr air daoine a bhith a' càineadh càch a' chèile ann an saoghal cho beag le ar cànan ann an uiread de chunnart. Saoilidh mise gu bheil fiùs an seann amaideas a bhiodh a' fàgail daoine a' càineadh dualchainntean càch a' chèile a nis air bàsachadh. Chan eil sinne a' sabaid mar a bha sinn. Tha sin a' ciallachadh nach eil sinn mar sluagh dìreach a' dèanamh càineadh dìreach son siud fhèin.

Sin a tha gam fhàgail fo uallach mu dheidhinn seasamh Bòrd na Gàidhlig a thaobh seo. Tha còir aca a bhith a' coimhead ri na puingean a tha daoine a' dèanamh. Tha an t-adhbhar nas cudromaiche na a' bhuidheann. Tha adhbhar na Gàidhlig nas cudromaiche na buidheann sam bith. 'S ann a tha còir mar bhuidheann a bhith a' coimhead ri na puingean a tha feadhainn mar Fionnlagh MacLeòid a' togail. Bhiodh e furasta gu leòr dhaibh a ràdh rudeigin mar: "Tha sinn mothachail gu bheil daoine a' gabhail uallach. Ach fuirichibh mionaid, chan eil sin ach dìreach air tòiseachadh, agus tha sinn ag obair air na dearbh trioblaidean a tha samhail Fionnlaigh a togail. Agus ma tha gliocas sam bith aig an leithid ri thoirt dhuinn, feuch an innis e."

Ma tha daoine mar Fionnlagh MacLeòid ag ràdh gu bheil iad a' gabhail uallach mu shuidheachadh ar cànan is mu dheidhinn cho èifeachdach is a tha obair na buidhne oifigeil, 's ann a bu chòir dha daoine aire a thoirt dha na beachdan aige, agus sùil a thoirt air dè a tha ceàrr agus mar a ghabhas cuisean a chuir ceart a chum math is leasachadh ar cànan.

'S e fìrinn na cùise, mar a thuirt Iain MacLeòid a' Chomuinn Ghàidhealaich, nach e buidheann sam bith a chumas ar cànan a' dol ach sinn fhìn mar Ghàidheil. Tha e an urra ruinne ar cànan a chumail a' dol. Tha fios aige cuideachd gur h-iomadh rud a dh' fhaodas buidhnean coltach ri Bòrd na Gàidhlig is iomadh buidheann eile a dhèanamh gus an suidheachadh a chuideachadh. Ach chan urrainn na buidhnean sin ach daoine a chuideachadh le rud a tha iad fhèin ag iarraidh a dhèanamh.

Tha Gàidheil gu leòr den bheachd gu bheil e gu tur ceàrr gu bheil ar cànan a' crìonadh. Tha iad den bheachd gu bheil e mì-nàdarrach gu bheil cultar is eachdraidh ann an cunnart a dhol a-mach as an t-sealladh. Tha iad den bheachd gum bu chòir rudeigin tachairt. Tha iad ag èisteachd ri buidhnean oifigeil is daoine ann an deisichean ag ràdh gu bheil ar cànan a' dol bho neart gu neart, ach chan e sin a thathas a' faicinn timcheall orra. Tha iad ag iarraidh saoghal a bhith ann far an tuig oghaichean cainnt an seanairean is an seanmhairean, ach chan eil iad buileach cinnteach gu bheil sin a' tachairt.

Chan e a mhàin gu bheil Gàidheil ag iarraidh leas is fàs ar cànan. Tha gu leòr a muigh an sin a tha a' coimhead ris an t-suidheachadh agus iad den bheachd gun cailleadh sinn rud luachmhor nam falbhadh a' Ghàidhlig. Chan eil nàimhdean ar cànan a' riochdachadh ach beag-chuid, tha mòr-chuid taiceil a-muigh an sin a tha ag iarraidh gun soirbhich leinn. Agus tha saoghal a-muigh an sin nach toir maitheanas dhuinn mura dèan sinn ar dìcheall.



The full article contains 823 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.
Page 1 of 1

  • Last Updated: 19 July 2008 8:12 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.