THA pàrlamaid na h-Alba ann an Dùn Èideann a-nis air rud aithneachadh a bha follaiseach dha muinntir nan Eilean Siar bho chionn bliadhnaichean, gun robh trioblaidean aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar.
Chàin aithisg a thàinig bho Chomataidh Sgrùdaidh na pàrlamaid an dòigh anns an deach am Bòrd a ruith thairis air na bliadhnaichean gu ruige 2006 nuair a theirig foighidinn Riaghaltas na h-Alba agus nuair a chuir iad sgioba-stiùiridh a-steach gus gno
thaichean a thoirt fo smachd.
Tha fios againn co ris a bha cùisean coltach. Àrd-stiùirichean mì-dheònach fuireach anns na h-àitichean a bha iad a' riaghladh. Iad a' cosg nam mìltean notaichean air ais is air adhart ann am plèanaichean. Na daoine mòra a' diùltadh a thighinn gu coinneamhan poblach. Bòrd a bha gu mòr ann am fiachan agus a bha a' gearradh seirbheisean a' smaoineachadh gur e dotairean-grèisidh a bha a dhìth orra gus cùisean a chuir ceart an àite nan dotairean àbhaisteach. Cuid de bhuill a' Bhùird ag iarraidh air luchd-poilitics gun a bhi a' gearan cus no a' togail mòran dhraghan gus fhiosta nach cleachdadh an riaghaltas na trioblaidean sin son cur as dhan bhuidheann. Thachair an leithid roimhe sin, nuair a chuir an riaghaltas as dha Bòrd Earra-Ghàidheal is Cluaidh.
Tha fios nach ann anns an aon àite a bha an olc, gun fheumadh am Bòrd a chùis a dhèanamh agus riaghailtean a leantainn a rinneadh dha na bailtean mòra agus nachtug feart air suidheachadh eileanan is an tuath.Mar a bhiodh iad ag ràdh uaireigin, bha siud ann reimhid.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil iad idir a' dol a chuir as dhan Bhòrd mar buidheann neo-eiseamaileach. Chan e iongnadh a tha sin ann. Cha bhiodh iad son cur as dha buidheann cho mòr is cho cudromach ann an sgìre a tha am pàrtaidh dìreach air buanachadh.
Ach dè cho ceart is a tha e gu bheil am Bòrd, is sluagh is seirbheisean slàinte nan Eilean Siar a nis gu bhi a' fulang air sgàth nam mearachdan a rinneadh mus robh na ceannardan ùra a staigh ann an dreuchd? Tha fiachan de timcheall air £3.5m aig a' Bhòrd, is tha teachd-a-steach aca de £55.2m gach bliadhna. Ach tha an t-ionmhas sin ga thoirt seachad gus dotairean, luchd-altraim, is luchd-stiùiridh a phàigheadh agus gun ìocshlaintean a cheannach. Chan eil an t-airgead idir dha thoirt seachad gus am bi i aig na bùird slàinte ann am pailteas gus na seann chosgaisean aca a phàigheadh air ais. Tha an t-ionmhas ann gus euslaintich a chuideachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag obair gus am faigh am Bòrd air na fiachan aca a phàigheadh thairis air ùine is gun sin a bhith a' toirt buaidh air slàinte. Glè mhath, ach carson a dh' fheumas aon phàirt den riaghaltas a bhith a' cumail còmhraidhean mu airgead dha earrainn eile den riaghaltas? Nach ann as an aon sporan a tha e a' tighinn co-dhiù? Carson a tha ministearan an còmhnaidh a' bruidhinn mu dheidhinn mar a dh' fheumas iad cìsean a chruinneachadh sòn "sgoiltean is ospadail" agus foghlam is slàinte gan gearradh?
Agus fiachan de £3.5m? Chosg togalach ùr pàrlamaid na h-Alba faisg air £400m a bharrachd na bha còir. Tha muinntir Dhùn Èideann air an sàrachadh le sgeama tramaichean, a chosgas còrr math is £500m is nach dèan càil nach dèan na busaichean a th' ann an dràsta. Phàigheadh na tramaichean sin fiachan a' Bhùird 100 turas. Agus nan cuirear as dhan sgeama sin, is ann a dhèanadh e fheum dha meadhan Dhùn Èideann.
Bidh mòran ann an saoghal na Gàidhlig duilich a chluinntinn gun do bhàsaich Ray Mhichie bho chionn seachdain. Bha i na ball-pàrlamaid son Earra-Ghàidheal is Bòid ann am Pàrlamaid Lunnainn. Còmhla ri Mairead Ewing bhon SNP nach maireann, rinn i iomart gus Bile na h-Alba atharrachadh gus am biodh e ceadaichte Gàidhlig a chleachdadh ann an deasbadan ann am pàrlamaid na h-Alba. Cha tug a' chiad dhreach den bhile an cothrom is an sochair sin dha na buill no dha luchd-fianais a bhruidhneadh aig coinneamhan den phàrlamaid is de na comadaidhean.
Coltach ri gu leòr eile aig nach robh Gàidhlig mar chiad chànan, no aig nach robh i gu fileanta, rinn i a dìcheall adhbhar na Gàidhlig a thogail is a thoirt air adhart.
The full article contains 844 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.