DH' fheumadh iad ar-a-mach gus an do rinn iad e, ach bha iad ceart a dhèanamh. Dh' ainmich an Seansailear, Alasdair Darling, gun robhas ag àrdachadh nan ceadan teachd-a-steach a gheibh daoine mus fheum iad cìsean a phàigheadh. Bidh e a-nis aig £6,000 gach bliadhna mus bithear a' pàigheadh cìsean. Bha sin as dèidh ùpraid mun 10sg anns an nòta, a rinn sgaraidhean anns a' Phàrtaidh Làbarach.
Thug an t-atharrachadh anns a' chìs droch bhuaidh air na daoine as bochda anns an rìoghachd, agus dh' fheuch an riaghaltas ri cùisean a shocrachadh. Rinn iad sin. Dh' atharraich iad an siostam gus am faigheadh daoine beagan airgid air ais. An rud a c
hailleadh iad air sgàth cur as dhan 10sg, glèidhidh iad air sgàth an àrdachaidh gu £6,000.
Chan eil rian gur mi an aon duine a tha a' faighneachd dha fhèin: "Carson an dòlas a bhiodh neach sam bith nach robh a' faighinn ach £6,000 a' pàigheadh sgilling ruadh ann an cìsean teachd-a-steach?"
Thuirt an riaghaltas seo, mar a thuirt gach riaghaltas a bha romhpa, gum biodh iad atharrachadh siostam nan cìsean is nan sochairean gum am b' fhiach e dha daoine a bhith obair a-rithist. Chan eil mise a' mothachadh gu bheil e air tachairt. Ged nach eil uiread de dhaoine a' faighinn sochairean son a bhith gun obair agus a bha uaireigin, tha na ceudan mhìltean a bharrachd a' faighinn sochairean nan ciorramach. Tha fios gu bheil mòran dhaoine a-muigh an sin is iad ciorramach is gun chomas obrach aca, ach tha fios cuideachd gu bheil eòlaichean is luchd-poilitics a' gabhail uallach mu dheidhinn na tha de dhaoine air na sochairean sin.
'S e an trioblaid dha daoine a tha a' faighinn sochairean seo. Cha mhòr nach biodh iad na bu mhiosa dheth nan gabhadh iad obair, co-dhiù nan gabhadh tuarastal ìosal. Ma ghabhas iad obair, caillidh iad na sochairean. Ma dh' fhuiricheas iad air na sochairean, tha e a' sìor fhàs duilich dhaibh tilleadh gu obair air sgàth is nach bi iad cleachdte ris an leithid.
Bu chòir dhaibh a dhol nas fhaide na £6,000. Mòran nas fhaide. Cha bu chòir dha neach sam bith anns an rìoghachd seo a tha a' cosgadh nas lugha na £12,000 a bhith a' pàigheadh sgilling ruadh ann an cìsean teachd-a-steach. Agus bu choir do chàch a bhith a' pàigheadh cìsean a-mhàin ach air a' chuid a tha aca a bharrachd air an £12,000. Tha e gun chiall gu bheil an riaghaltas a' toirt bhuainn le aon làimh agus ga thoirt air ais le làimh eile.
Agus bhiodh na daoine seo a' pàigheadh cìsean ged nach tigeadh càil bhon teachd-a-steach aca. Bhiodh iad a' pàigheadh cìsean VAT, bhiodh iad a' pàigheadh cìsean connaidh. Phàigheadh iad ann an cìsean comhairle. Nan tigeadh e gu taigh a cheannach bhiodh iad a' pàigheadh cìsean eile.
Chan eil an siostam an-dràsta ach a' peanasachadh dhaoine son a bhith ag obair. Agus tha sin gu tur ceàrr. Tha e gun chiall. Chì sinn Sarkozy na Frainge a' saoradh dhaoine bho chìsean son uairean-obrach a bharrachd a thathas a' dèanamh. Bhiodh e feumail an leithid a dhèanamh a bhos an seo cuideachd.
Tha e gun sgot gu bheil daoine fiùs a' smaoineachadh mu dheidhinn faighneachd dhaibh fhèin, an fhiach e dhaibh a bhith ag obair no an fhiach e dhaibh a bhith ag obair barrachd.
Tha e a' dèanamh uallach dhomh an còmhnaidh mar a tha sinne anns na meadhanan a' bruidhinn mun dàimh eadar daoine agus an stàit mar gum b' e bh' annainn sealbh a bhuineas dhan stàit. Bidh sinn a' bruidhinn mu dheidhinn an stàite a bhith a' toirt airgid dhuinn, nuair a tha còir againn a bhith ag ràdh gur e a tha a' tachairt nach eileas a' toirt uiread bhuainn.
Chan eil càil a dhith airgid aig an stàit. Tha gu leòr aca mar-thà. Tha dìreach dà là bhon chaill Taigh nan Cumantan anns an Àrd-Chùirt ann an Lunnainn nuair a bha iad a' feuchainn ri cosgaisean dha buill-pàrlamaid a chumail falaichte. Chleachd iad an t-airgead againne ann an oidhirp diùltadh innse dhuinne dè a tha iad a' dèanamh leis an ionmhas againne. Tha àitichean gu leòr ann far am faodadh iad gearradh a dhèanamh. Chan eil e ach faoin a bhith ag ràdh gu bheil ar cìsean uile a' pàigheadh son sgoiltean is ospadail. Tha na seirbheisean sin gan gearradh gun luaidh air a' chòrr.
The full article contains 856 words and appears in Scotland On Sunday newspaper.