MUIRT. Is iomadh facal eile a dh' fhaodar a chleachdadh, ach bhiodh mòran dhiubh freagarrach ann am pàipear a thèid gu teaghlaichean. Na h-àireamh a' cur nan caran aig a' phumpa mar rudan a chaidh as an ciall. Tha cuimhne agamsa nuair a bhiodh m' athair a' dol thuca agus e ag iarraidh "fiach còig nòtaichean" de pheatrail bhon bhalach.
Dh' atharraich sin gu "fiach deich nòtaichean" as dèidh ùine. Agus 's e mise a bhios a' ceannach peatrail uair sam bith a bhios sinn còmhla ann an carbad a-nis.
As pot is a laigh mo chorrag air an uidheam son leigeil leis a' pheatrail sruthadh, c
haidh na h-àireamhan frog orm.
Tha peatrail ann an Steòrnabhagh a' cosg £1.17 gach litre. Chuireadh e dhan ospadal mi nam feuchainn ri oibreachadh a-mach dè a bha sin a' ciallachadh ann an galan. Tha mi aig an aois far an cuimhnich mi gum biodh daoine uaireigin a' rabhadh gun tigeadh an là nuair a ruigeadh peatrail £1 an galan. Is cha do chreid duine beò iad. Dh' atharraich an riaghaltas sinn gu bhi a' ceannach ann an litres, is cha dèanadh sinn a-mach tuilleadh dè a bha sin a' ciallachadh ann an galain. Tha fios agam gu bheil cuid de dh' àitichean ann far a bheil e mòran nas daoire dha daoine a bhi ceannach peatrail na tha e ann an Steòrnabhagh, agus cuimhnichibh cuideachd gu bheil deiseil nas daoire buileach.
Nam biodh sin dìreach a' toirt buaidh air muinntir nan càr, bhiodh e dona gu leòr. Ach tha e a' toirt buaidh air a h-uile càil a th' ann. Tha na bùithtean làn de stuthan a tha a' tighinn a air feadh na rìoghachd, gun luaidh air na luchdan a tha a' tighinn a dùthchannan eile. Tha cosgaisean connaidh a' buaileadh air gnìomhachasan Gàidhealach a tha a' feuchainn ris an stuth aca a' reic dha càch.
Tha ar luchd-riaghlaidh a' cumail a-mach gu bheileas ris an seo son a bhith uaine. Son a bhith a' dearbhadh dha feusagan ann an Lunnainn gu bheileas a' dèanamh rudeigin son na h-àrainneachd le a bhith a' peanasachadh dhaoine a bhios cho dàna is cho rag-mhuileanach is gu bheil iad a' dol a-mach ann an càraichean.
Nise, feumaidh mi fhìn aideachadh gu bheil mi fhìn beagan uaine ann an dòighean. Mi a' siubhal ann an carbad beag bìodach. VW Polo, aon litre, a nì Dùn Èideann gu Ullapul air leth-thanca. Chan e gu bheil mi a' siubhal cho tric. Bidh mi a' coiseachd a-steach a dh' obair a h-uile là, chan eil ann ach dà mhìle. Gu pearsanta, chan eil na h-atharraichean a' toirt uiread de bhuaidh ormsa is a tha iad a' toirt air a' chuid mhòr den fheadhainn a thuigeas na briathran Gàidhlig seo. Tha fios agam air an seo, nach eil daoine mar as trice a' miannachadh son a bhi a' siubhal ann an càraichean fad am beatha, gum b' fheàrr leo a bhith ann am busaichean is trèanaichean far am faodadh iad a bhith ri leughadh pàipear, gabhail cofaidh, cadal, no bruidhinn ri daoine. Ach tha na prìsean connaidh a' toirt buaidh air an sin fhèin agus iad sin a' fàs nas daoire. Tha an diugh tuilleadh iarrtais ann son seirbheisean rèile na bha bho chionn 60 bliadhna – linn òr nan rèile – ach tha na prìsean cho àrd is nach ruig daoine nàdarrach orra.
Na bitheamaid air ar mealladh. 'S ann mu dheidhinn cìsean a thogail a tha an àrdachadh ann an cosgaisean peatrail is deiseil. Chan eil daoine beò gu bhi a' cruinneachadh ionmhas bhon seo mar a bhios an riaghaltas fhèin. Agus cuimhnicheamaid air an seo. Tha an Stàit a' dèanamh prothaid bho na cìsean air a' chonnadh fhèin. Agus cuideachd bhon chìs VAT a tha a' dol air a' phrìs a bharrachd air an sin. Agus cuimhnicheamaid air an seo, gu bheil sinn a' pàigheadh cìsean air càraichean is connadh gus am bi airgead ann gus na rathaidean a chàradh. Ach 's e glè glè bheag den airgead seo a tha a' dol a-mach air na rathaidean. Tha an t-airgead a' dol a-mach air luchd-obrach an riaghaltais, buidheannan ro-innleachd is strategy is sealladh, sanasan a dh' innseas dhuinn rudan air a bheil sinn eòlach mar-thà.
Chunnaic sinn toradh nam poileasaidh sin an t-seachdain seo chaidh – agus companaidh luchd Ramage ann am meadhan na h-Alba a' dol ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach. Chuireadh coire aig cosgaisean àrd connaidh. Chan ann a-mhàin air a' Ghàidhealtachd a tha seo a' toirt buaidh ach air càch cuideachd. Tha ar bith-beò ann an cunnart gus an toilich an riaghaltas na feusagan ann an ceann an iar Lunnainn.
TEACH YOURSELF GAELIC
Càraich: repair/make upPronounced Kar-reekh, càraich is a versatile Gaelic word. It means repair in the sense of fix or make better, as in repair a piece of clothing or even a road. The sentence "Tha iad a' dol a chàrachadh nan rathaidean" (hah ee-yad uh dol uh khar-rukh-kha nin rah-haj-jin) "They are going to repair the roads" is an all too rare phrase in modern Gaelic. The word is also used in the sense of housework: making the bed in Gaelic is literally repairing the bed. "A' caradh na leapa" (uh kar-rukh na lyapp) "making the bed". And tidying up is càradh too – an untidy teenager would be told: "Càraich an rùm seo!" (Kar-reekh in ru-um sho) "Tidy this room!"