Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


Murchadh MacLeoid: RET: deagh rud: coma leosan a bhith a' càineadh

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 02 March 2008
CHAN eil dà dhòigh air. 'S e e deagh naidheachd a th' ann gu bheil na h-Eileanan an Iar gu bhi a' faighinn RET gus cuideachadh le cosgaisean carbaidean is bathar.
Nì e feum dha companaidhean, nì e feum dha na bùithtean, nì e feum dha luchd-turais. Tha an naidheachd seo a' cur nan Eilean Siar ann an suidheachadh ùr a thaobh a bhi a' cruthachadh companaidhean is oibrichean.

Chan eil an colbh no am pàipear-nai
dheachd seo a' riochdachadh no a' sanas son pàrtaidh poilitigeach sam bith. Tha leisg orm a bhi a' moladh luchd-poilitics de dhath no pàrtaidh sam bith. Ach rinn Stiùbhart MacStephein agus an sgioba aige an rud ceart an treub seo.

Tha RET a' tighinn bho na facail Beurla son Co-ionnanachd ri Prìsean Rathad. 'S e a th' ann dòigh anns a bheil taicean-airgid gan toirt seachad ann an dòigh a bhios a' ciallachadh gun cosg e an aon rud dha carbad a bhi a' dol air soitheach is a bhiodh e nan dèanadh e an t-aon astar air rathad. Sin a' ciallachadh prìsean mòran nas saoire na na tiocaidean a th' againn an-dràsta.

Tha e a-nis gu bhi mòran nas saoire càraichean a thoirt tarsainn dha na h-Eileanan Siar. Nì sin feum do-labhairt dha luchd-turais. Mar a tha cùisean an-dràsta, tha e a' cosg còrr is £150 gus carbad is draibhear a chuir eadar Ulapul is Steòrnabhagh agus air ais. Tha sin ro dhaor. Tha mi coma dè chanas feadhainn ma dheidhinn mar a thàinig piseach air busaichean nan Eilean, cha dèan luchd-turais - gu h-àraid an fheadhainn le teaghlaichean - a' chùis air na h-Eilean mura bi càr aca.

Ged nach biodh càil ann ach sin fhèin, 's e rud math is feumail a bhios ann an RET. Bidh muinntir tìr-mòr nas deònaich a dhol tarsainn ann an carbadan - bidh e a' ciallachadh gum bi iad nas deònaich a dhol tarsainn anns a' chiad àite. Thig barrachd dhaoine.

Tha fios gu bheil ceistean ann. Tha fios gum bu chòir an RET a thoirt a-steach dha carbadan a' dol eadar Barraigh is Uibhist a Deas. Tha fios gu bheil cuid ann a chanas nach eil na tha sin de dhiofar eadar na prìsean ùra agus an fheadhainn a bha rim faotainn nan ceannaichear na leabhraichean de sia tiocaidean.

Tha sin ceart. Ach bidh na prìsean nas fheàrr na bha an fheadhainn anns na leabhraichean de tiocaidean saoire a gheibhear an-dràsta. Agus cha robh na leabhraichean sin cho goireasach dhan h-uile duine, gu h-àraid feadhainn nach biodh a' siubhal cho tric.

Cha thuig mi rim mhaireann an argamaid seo a chanas gum bu chòir a' phrìs ìseal a bhi ann dha muinntir na sgìre a mhàin is gun fheum luchd-turais is daoine eile bho taobh muigh a bhi a' pàigheadh suimean nas àirde. Chan eil mòran dhòighean ann a tha cho èifeachdach air buidheach a chuir air daoine. Tha gearanan gu leòr ann bho mhuinntir nam bailtean mòra gu bheil an t-airgead acasan a' dol gus coimhearsnachdan Gàidhealach is Eileanach a chuideachadh. Ma gheibh iad beagan den sin air ais le a bhi a' dol air na saor-làithean dhan na h-Eileanan, chan eil càil ceàrr air an sin. Bithear an dòchas gun caith iad beagan a bharrachd airgid anns na bùithtean eileanach.

Chan eil an luchd-càinidh ga thuigse.

Nochd buill Arcaibh is Sealltainn, na Lib-Dems Liam MacArtair Is Tavish Scott a ghearan mun sgeama agus iad ag ràdh gu robh e ceàrr nach robh an leithid a' tachairt anns na sgìrean acasan.

Glè mhath. Agus tha fios gur e daoine onorach a th' annta. Ach càite an robh iadsan anns na h-ochd bliadhna a chaidh seachad nuair nach do thachair càil a thaobh seo?

Bha anns na pàrtaidhean a bhuineadh dha Riaghaltas na h-Alba. MacArtair mar fear-comhairleachaidh sònraichte aig ministearan, is Scott na bhall-pàrlamaid. Bha e greis na mhinistear son còmhdhail. An dùil carson nach do rinn e càil mun t-suidheachadh an uairsin?

Agus chàin ball Làbarach an sgeama cuideachd, ag ràdh gum biodh na h-Eileanan na b' fheàrr leis an sgeama a mhol iadsan gus prìsean dha luchd-siubhail a thoirt a nuas - sgeama nach buaileadh air carbadan.

Ach cha bhiodh.

Chan iad cosgaisean nan tiocaid dha luchd-siubhail an trioblaid, ach cosgaisean nan carbad a chuir tarsainn.

English summary
Road Equivalent Tariff which slashes ferry prices for cars and lorries, has the potential to draw tourists and to cut the cost of living in the Western Isles. It is impossible for tourists with families to get round the Isles by car, this move will make it much more affordable for far more mainland Scots to get there and spend their cash in the shops instead of shelling out cash on ferry fares. Critics miss the point, passenger fares are not the big problem, freight and vehicle charges are.

TEACH YOURSELF GAELIC
Cus: too much

A short simple word, pronounced koos, and meaning too much as in a quantity of food, drink, money, pressure or work. A drinker might be told: Na h-òl cus – nah h-awl koos – don't drink too much. A dieter might tell a host: Chan eil mi ag iarraidh cus – khan yul mee ig ee-yarr-ee koos – I don't want too much. Combine the word with fada, fad-da, meaning long – to get fada cus – fad-da koos – meaning far too much. You could say of a stressed-out colleague – tha fada cus uallach air – hah fad-da koos oo-wa-loch ur – he's under far too much pressure. Another use is with verbs. Tha an an duine sin a' dol cus ro luath – hah in din-na shin uh dol koos ro loo-hah – that man is going too fast.





Page 1 of 1

 
 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.