Help Sitemap Home Skip Navigation Contact Us Disability Statement


'S e deagh naidheachd dha cuid a th' ann an taighean saora

Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image
Click on thumbnail to view image

Published Date: 08 June 2008
BUINIDH sinne anns na meadhanan dha saoghal eile fada ro thric. Ma tha biadh, carbadan, iPods, is lèintean ball-coise a' fàs saor 's e deagh naidheachd a th' ann. Ma thuiteas prìsean taighean, tha sinn a' smaoineachadh gur deireadh an t-saoghail a th' ann.
Tha sinne mar luchd-naidheachd as ar ciall. Agus tha sinn a' dì-chuimhneachadh cò as a thàinig sinn fada ro thric. Tha na muilleanan a-muigh an sin a chuireas fàilte air prìsean nan taigh a bhith a' tuiteam. Tha fadachd orra cothrom fhaighinn air àit
e sam bith far am faigh iad dachaigh.

Tha taigh air oirean Steòrnabhaigh, a bha roimhe seo air a' mhargaidh airson prìsean nas àirde na £280,000 air a thighinn a-nuas gu nas àirde na £180,000. Droch naidheachd dha cuid, ach deagh naidheachd dha gu leòr eile.

Dè cho tric a chuala sinn mu dheidhinn daoine ann an sgìrean iomallach nach fhaigheadh àite fuirich air sgàth daoine bhon taobh muigh a bhith a' tighinn a-steach is a' cur nam prìsean suas? Chuala sinn na sgeulachdan sin mìle turas, sgrìobh feadhainn againn an leithid sin de sgeulachd mìle turas.

Tha e gu math furasta a bhith nad fhàidh nuair a tha cùisean air tachairt, ach ghabh mi uallach mu dheidhinn a bhith ro thoilichte mu phrìsean taighean a bhith ag èirigh. Bhithinn-sa a' coinneachadh agus a' bruidhinn ri feadhainn a thuirt gu robh iad "fortanach" gun do cheannaich iad àite aig an àm cheart. Ach ma bha iadsan fortanach, nach iomadh neach eile a bha mì-fhortanach cuideachd. Cha robh anns am fàs ann am prìsean taighean ach dìreach uallach dhaibhsan.

Agus dè a bha e a' ciallachadh ged a bhiodh prìsean air a bhith sìor èirigh. Nam bithinn-sa a' fuireach ann an àite bheag a cheannaich mi son £50,000, nuair a ghluaisinn gu àite eile, bhithinn gu math toilichte fhaicinn mar a dh' èirich "luach" an taighe gu £70,000. Ach bhiodh an t-àite ùr dham bithinn a' gluasad cuideachd air a dhol suas ann am prìs. Aig a' cheann thall, cha bhithinn air buanachadh ann.

Tha prìsean son buntàta, ìm, aran, is feòil air a dhol suas anns na bùithtean. Tha sinn fiadhaich. Tha prìsean peatrail is diesel a' dol suas is sinn a' fulang. Ma thèid prìsean taighean suas tha daoine a' dèanamh a-mach gur e deagh naidheachd a th' ann.

Fhuair mi comhairle uaireigin. B' e a' comhairle iasad-taighe cho àrd is a bha nam chomas fhaighinn, agus earrainn cho mòr is a ghabhadh den teachd-a-steach agam a chaitheamh air taigh. Thuirt an duine rium: "Tha airgead cho saor. Theirig cho fada is a ghabhas. Chan urrainn dhut chall. Thèid an luach suas is suas is suas. Theirig cho faisg air an oir is a ghabhas, agus theirig beagan nas fhaide."

Cha do ghabh mi ris a' chomhairle ann. Bha mi faiceallach. Cheannaich mi àite a bha saor gu leòr agus nach bithinn ann an cunnart as bith dè a thachradh. Chan eil an t-àite cho spaideil agus a tha na taighean aig feadhainn. Sin an roghainn a bhios daoine a' gabhail.

Tha fios agam gu bheil feadhainn a' fulang. Ach tha fios agam air an seo cuideachd. Gun robh daoine nam muilleanan a' fulang agus iad a' faicinn prìsean a' ruighinn nan speuran, agus gun stad orra. Bha daoine a bha a' cosnadh £25,000 a' call an dòchais agus e a' fàs do-dhèanta dhaibh taigh a cheannach aig prìs nàdarrach. Ciamar air thalamh a tha an riaghaltas a' dèanamh a-mach gur e call dhan rìoghachd gu lèir a th' ann ma thuiteas prìsean mu 10%? 'S e faochadh a bhios an sin dha gu leòr.

Chaith cuid fada cus airgid is iad den bheachd gum biodh prìsean ag èirigh gun stad agus gum faigheadh iad an t-airgead air ais le prothaid. Carson a gheibheadh? Tha iasgairean, tuathanaich, is luchd-reic anns na bùithtean uile ann an cunnart nach dèan iad teachd-a-steach gu leòr a-mach as an stuth a tha iad a' ceannach is a' reic. Is ann mar sin a tha a h-uile càil a th' ann.

Cheannach fear, coigreach, taigh beag bìodach air Taobh Siar Leòdhais. Cha robh ann ach taigh beag le dà rùm. Fear de na taighean geala as sine anns an sgìre. Chosg e £12,000 a cheannach ann an 2000. Dh' fheuch an coigreach ri a reic son còrr math is £100,000. Bha e gun sgot. Cha d' fhuair e air a reic, annas nan annas.

Tha iomadh taobh air a h-uile sgeulachd. Crìonadh prìsean nan taigh cuideachd.

For millions, the portrayal of falling property prices as unmitigated bad news is mystifying. The past two decades have seen families on average wages pushed out of buying homes at reasonable prices and the Highlands and Islands have been gripped by a housing crisis as locals have been unable to afford homes because of soaring prices pushed up by outsiders' money. Rising food prices are bad news for consumers, so are rising housing costs.

Caraid: friend

Pronounced karr-rratch, this word comes from the same linguistic root that gives us such words as the Latin 'caritas' and English 'charity'. In older usage, the word meant both friend and relative, and the meanings could be interchanged. However, over time, meanings have changed.

Caraid normally means friend in modern Gaelic. However, the plural, càirdean – pronounced carr-dann – has changed the other way and now normally means relatives. A Gaelic proverb is 'S fheàrr caraid anns a' chùirt na crùn anns an sporran – sharr karr-atch ins uh khoorsht na kroon is in spor-ran – a friend in court is better than a crown (unit of money) in the purse.





Page 1 of 1

  • Last Updated: 07 June 2008 10:06 PM
  • Source: Scotland On Sunday
  • Location: Scotland
  • Related Topics: Gaelic language
 
1

celtic4,

USA 08/06/2008 15:07:09
ermmmm, what?????????????????????????
2

radge dug,

Taigh na Croiche 14/06/2008 12:06:12
#1 Celtic? Aye right. Another thick Yank maybe. Se ceilteas a tha seo, amadan.

 

Comment on this Story

 

In order to post comments you must Register or Sign In

 
 
 
  

 
 


Sister Newspapers:
Press Complaints Commission

This website and its associated newspaper adheres to the Press Complaints Commission’s Code of Practice. If you have a complaint about editorial content which relates to inaccuracy or intrusion, then contact the Editor by clicking here.

If you remain dissatisfied with the response provided then you can contact the PCC by clicking here.