IS TREISE sporan na dualchas. Tha ginealach ùr a chuir an cùlaibh ri obair a' phuill a-nis a' tilleadh dhan mhòinteach. Tha cuimhne agam an turas a bha mi fhìn is mo bhràthair a-muigh air mòinteach Arnoil, bho chionn dà bhliadhna no barrachd, is cha robh ann ach sinn fhìn. Bha na caoraich a' coimhead oirnn mar nach robh càil a' chòrr aig mic an duine, air na coigrich coltach ruinne a bhith air an àrainneachd acasan.
Bha clamhan os ar cionn. Là soilleir. Beagan gaoithe. Mo bhràthair a' buain is mi fhìn a' sadail.
Tha e a' coimhead coltach gum bi feadhainn ann còmhla ruinn a-nis bho seo a-mach air a' mhòinteach. Tha prìsean àrda son ola-teasachaidh a' ciallacha
dh gu bheileas a' ruith dha na puill agus gu bheil feadhainn fiùs air cuir a dh' iarraidh tairsgeirean. Tha gobha ann an Steòrnabhagh air 30 a dhèanamh ann am mìos is eileanaich cho measail air a bhi a' tilleadh gu na freumhaichean aca.
Tha e math a bhi a' faicinn nan seann chleachdaidhean a' tilleadh. Tha e math dha teaghlach a bhi a-muigh còmhla aig a' mhòine. Nuair a bha mi fhìn anns an sgoil, bha cleachdadh aig gu leòr a bhith a' fuireach air falbh bho làithean spòrs agus an là a chuir seachad anns a' mhòine a' buain.
Bha sinne mar sluagh cho sgiobalta ar cùl a chuir ri na seann chleachdaidhean. Bha fasan ann son a bhith a' sadail nan seann stòbhaichean air falbh is a bhith a' cur ola a-steach mar a bhiodh càch. Is cò nach dèanadh sin? Bha am prìs timcheall air 8sg gach liotair. Cha ruigeadh daoine a leas tuilleadh a bhith ris an obair.
Chan e gu bheil an obair cho dona no cho duilich. Tha e a' còrdadh ris a' mhòr-chuid dhiubhsan a tha ga dèanamh. 'S e faireachdainn math a th' ann a bhith a' tilleadh bhon mhòinteach as dèidh là a chuir seachad ag obair.
Chan e an obair a tha a' cur daoine dheth, ach an t-ullachadh. Feumar làithean a chuir air leth dhan obair. Agus chan urrainn neach sam bith earbsa a chuir anns an aimsir Gàidhealach is Eileanach. Chan eil e cho furasta dha daoine làithean a ghabhail dheth no a bhith beò ann an dòchas gum bith Disathairne freagarrach. Anns na làithean a chaidh seachad, nuair a bhiodh daoine ag obair làn-thìde air croit, bha e furasta gu leòr dìreach èirigh, co-dhùnadh a dhol a-mach dhan mhòinteach agus a dhèanamh. Chan eil sin idir cho furasta anns an là anns a bheil sinne beò far a bheil a' mhòr-chuid ag obair anns na bailtean agus a' tilleadh dhachaigh air an oidhche.
Sin dhan fheadhainn a tha comasach air a dhol a-mach. Chan eil e cho saor sin dha daoine aosda a bhios a' cur a dh' iarraidh daoine eile a dhol a-mach a bhuain agus a thogail dhaibh.
Agus cha ghabh e a dhèanamh dha cuid. Tha mòran air uidheamachd ola a chuir a-steach a chosg na mìltean notaichean. Chan eil e idir cho furasta dha daoine sin atharrachadh. Tha e do-dhèanta dha mòran gun an dachaigh aca a reubadh as a' chèile. Tha iad air an cuingealachadh ris an ola.
Bha sinne mar sluagh cho fasanta. Bha sinn a' miannachadh a bhith coltach ri càch. Bha iadsan cho spaideil len cuid ola, agus bha sinne a' miannachadh a bhith spaideil cuideachd. Cha ruigear a leas tuilleadh ach putan a bhruthadh gus an dachaigh a theasachadh. Cha do smaoinich duine againn gum bu dòcha gun deidheadh prìsean suas. Cha do smaoinich duine againn mu dheidhinn na thachradh nan deidheadh an dealan dheth is nach fhaigheadh sinn air na uidheaman oibreachadh gus an ola a chuir timcheall air an taigh. Cha robh càil a' cunntadh ach am fasan.
Dè cho fada is a dh' fhanas am fasan ùr againn a bhith a' dol a-mach a bhuain is a thogail is a chruinnicheadh agus a tharraing dhachaigh? 'S iomadh neach a bhios a' cur roimhe an connadh saor is an asgaidh fhaighinn is a gheibh a-mach nach eil e idir cho càilear. Nach eil e idir dha aotrom air an druim.
An fheadhainn againn a bha teagmhach mun teicneolas ùr, bha iad ceart. Shaoil iad gum biodh iad cho math leis an rud a bh' aca roimhe seo. Cha chuireadh àrdachadh ann am prìsean na h-ola no stad air an dealan bacadh air teine le fàdan is caoranan idir.
Nach iad a bha glic. Nì an tairsgeir feum dhan sporan.
Tòrr feum.
English summaryThe high price of heating oil means that peat-cutting is back in vogue in the islands. Even the local blacksmith in Stornoway has been turning out new tairsgeirs as crofters decide that the old ways are cheaper than eye-wateringly expensive fuel. Modern working patterns mean that getting the time off to cut peat when the weather is right is the biggest challenge. And many find that peat-cutting is much harder work than they are used to.