O chionn 80 bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 26 Màrt 1932
CHAN eil cearn de’n dùthaich anns nach eil rathaidean móra ùra air an deanamh o chrìch a’ chogaidh agus, am bitheantas, tha iad na’s fearr na bha an t-seann fheadhainn air an robh ar sìnnsre eolach. Tha iad air an deanamh air son charbadan-ola, agus chan eil tolg no clais annta a chuireas campar air an fhear-cuibhle.
C’arson a tha na rathaidean so air an deanamh? Agus dé a chuir miadh cho mór air carbadan-ola air feadh na Gàidhealtachd? Tha iad air an cur air dòigh a chum an dùthaich fhosgladh a suas, chan ann a mhàin aig còrsa na mara ach, mar an ceudna, anns na h-earrannan is faide o chladach agus a bha, chuige so, duilich a ruigheachd. Tha na carbadan-ola dol a bhi feumail an àm an t-samhraidh air son muinntir a tharruing ás an Taobh Deas gus an Taobh Tuath, chionn is ann ri coigrich is luchd-tathaich a tha ar sluagh a nis dol a bhi ’g amharc a thaobh cuibhreann nach beag de an teachd-an-tir.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha na carbadan-iaruinn math agus ro mhath ’nan àite féin, ach chan urrainn dhaibh a bhi ’sa h-uile h-àite agus tha bealaich mhóra eatorra nach comasach dhaibh a lìonadh.
Is ann an so a tha’m motor ’ga chur féin am fiachaibh agus a lìonadh bhearnan nach gabhadh lìonadh ás eugmhais.
aonghas maceanraig