Ma tha thu ’g iarraidh cliù, cruinnich stuth ’s na dèan dad leis
Bha Irbhinn (á Fartairchill) ’na sgoilear mór Gàidhlig ri linn. Dh’fhàg e cruinneachadh cudromach làmh-sgrìobhainnean sa bheil tòrr bàrdachd thradiseanta (gu mì-fhortanach chaidh cuid dhiubh a ghoid á LNA mu 1970). ’S bha pàirt nach beag aige ann a bhith deasachadh Faclaire Chomann na Gaidhealtachd (1828).
Bha fios agamsa riamh gun robh e ag obair air pròiseact ris na bhaist e ‘The Lives of the Caledonian Bards’ air an robh coltas luachmhor, nam b’e ’s gum faighte greim air na pàipearan. Lorg an Dr Hogg a-nis trì de na “beathannan”: Mac Shithich, Iain Ruadh Stiùbhart agus Ailean Stiùbhart Inbhir Chadain. Is dòcha nach do sgrìobh e ach na trì sin riamh! Co-dhiù, tha an t-alt sgoinneil seo a’ fosgladh uinneag dhuinn air bàrdachd dhìochuimhnichte Shiorrachd Pheairt.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdMa tha sgoilear Gàidhlig ag iarraidh cliù, cruinnichidh e tòrr stuth ’s cha dèan e dad leis ach fàgaidh e a chuid phàipearan gu faiceallach mar dhìleab. Sin leasan SGS 28. An aon mhì-chliù a choisinn Irbhinn riamh b’ann an lùib an fhaclaire! Tha trì pàipearan san iris mu luchd-cruinneachaidh a mhill an cliù le bhith ag atharrachadh na thrus iad nuair dh’fhoillsich iad e: Donnchadh MacUalraig á Meadhan Earra-Ghaidheal (c.1760–1836), Alastair MacilleMhìcheil á Eilean Lios Mòr (1832–1912), agus Alastair MacillEathain Mac na Ceàrdaich á Canada (1840–1924).
Tha dà alt Ghàidhlig san iris. Tha aonan dhiubh, le Richard Cox, car doirbh a leughadh a chionns gu bheil e cho teicnigeach: tha e mun “mhìr àireamhail” (“a”) ann an “a h-aon”, “a dhà” etc. Tha faclaire beag cuideachail ’na chois. Ach fóghnaidh do mhóran sùil thoirt air na mapaichean, a tha a’ sealltainn càit air Ghaidhealtachd a bheil daoine ag ràdh “aon”, “a h-aon”, “aonan”, etc. Inntinneach.
Tha am fear eile, le Axel Koehler (mu bhoireannaich chunnartach ann an seann sgeulachdan mar ‘Àirigh na h-Aon Oidhche’), car doirbh a leughadh a chionns gu bheil e ann an Gàidhlig neach-ionnsachaidh. Tha móran aig Koehler ri ionnsachadh fhathast mun chuspair aige, ach saoilidh mi gun robh SGS ceart ga fhoillseachadh. Se neart Koehler cho farsaing ’s gum bi e a’ cur an lìn aige (air feadh na Roinn Eòrpa), ’s tha rudeigin ann an cumantas, gun teagamh, eadar na boireannaich sna sgeulachdan Gàidhlig ’s an fheadhainn Eòrpach a bh’ air cùl Dracula. Chan eil Koehler a’ deanamh cron sam bith ann a bhith a’ tarraing seo gu ar n-aire.
A thaobh a’ chòrr, tha Kate Mathis a’ coimeas an t-seann dàin diadhaidh ‘Saltair na Rann’ ri pìos rosg air an aon chuspair, ‘Scél Saltrach na Rann’, tha Pía Coira a’ siubhal motifs àraidh ann am filidheachd na h-Alba (àrd-rìghrean, laoich pòsta ri dùthaich, Goill, fàisneachd), tha A D M Forte a’ lorg meatafor drabasta Gàidhlig ann an sgrìobhaidhean an fhir-lagha Sir John Skene (c.1543–1617), ’s tha dà alt ann air Gàidhlig Mhanainn – mu sheann searmon ’s mu phuing gràmair.
Tha SGS 28 ri fhaotainn o Oilthigh Obar Dheathain air £22.50.