Gaelic: Can ann an cagar e, ach tha luchd-taic Rangers toilichte
Tha ìsleachadh Rangers air ùrachadh a thoirt dhan SPL: bha 52 ás a’ cheud a bharrachd luchd-taic a’ coimhead St Mirren an aghaidh Hibs an t-seachdain sa chaidh na bha air an aon ghèam sa Ghiblean. Bha 13,500 an làthair aig Tannadice air son Dùn Dèagh Aonaichte an aghaidh Dùn Dèagh, an coimeas ri 9,500 an aghaidh Rangers sa Mhàrt, agus tha frithealaidhean air at air feadh na dùthcha.
Na can e ach ann an cagar, ach tha seo cuideachd a’ còrdadh ri luchd-taic Rangers. ’S iad air an ath-bheòthachadh bho na dùbhlain a bha air beulaibh a’ chlub, tha iad air fuireach dìleas agus toilichte gu bheil club fhathast aca. A dh’aindeoin ’s gur e cuid den trioblaid gu bheil cus á gach àird a’ toirt taic dhaibhsan seach do chlubaichean ionadail, tha an fhianais soilleir: bha barrachd ann an Ibrox Di-Sathairne na bha aig gach ionad-cluiche san SPL còmhla, ’s le 35,000 tiocaid sèasain air an reic, cha leagh iad air falbh tron t-sèasan.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha gnìomhachas san t-seòmar bùird a’ coimhead nas stèidhichte cuideachd. Bhathar an dùil gum biodh amharas aig luchd-taic mun chathraiche ùr, ach bha mar a sguaib Teàrlach Green na rabhdan baoghalta aig Iain MacilleDhuinn air falbh ’na dhearbhadh air dìorrasachd a’ charactair. Nas cudromaiche, bha e luath a’ choire air son staing a’ chlub a chur air buidheann sam bith seach Rangers fhèin, a’ brosnachadh ’s a’ daingneachadh nam faireachdainnean de dh’ana-ceartas am measg luchd-taic. Nach esan a bha seòlta. Tha luchd-taic agus Ally McCoist fhèin a-nis air blàthachadh ris an Eabhragach dhoicheallach ann an dòigh nach robh iad a-riamh ri Craig Whyte, le deagh adhbhar.
Tha Green, mar a bha Fearghas MacCana aig Celtic, ’na fhear-gnothaich, ’s ged a b’ ann air ridire geal a bha luchd-taic a’ feitheamh, cha robh a leithid a’ dol a thighinn riamh. Le fathannan fhathast ann gu bheil e ceangailte le Ticketus, faodaidh barrachd tighinn a-mach mu Ghreen san àm ri teachd. Gus an uair sin, tha làmh nas seasmhaiche air stiùir Rangers na bha bho chionn bliadhna, connspaideach ’s gu bheil e. Chan innis ach foidhidinn gu dè an cùrsa a thogas e.
Tha aon rud cinnteach, ge-tà: am-bliadhna, tha buaidh san lìog an dàn do gach taobh den Old Firm. Cò a shaoileadh e?