Cà’il seann chaisteal nan Leòdach?
Thug Bill a liuthad òraid ’na liuthad talla coimhearsnachd ’s gu bheil freagairt gach ceist aige mun téid a faighneachd. Aig bàrr an liosta FAQs a réir choltais: “Càite bheil seann chaisteal nan Leòdach?”
Fo chidhe Steòrnabhaigh. Tha Bill a’ toirt ro-ràdha dha, le seann dealbh camara dheth, a’ coimhead truagh. An uair sin tha e gar toirt leis air sgrìob thaitneach tron dùthaich, bho Tholasta gu iomallan SY, a-mach air an Rubha, tro Sgìre nan Loch agus air ais gu cridhe a’ cheannabhaile.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdCha bhi duine gan innse coltach ri Bill. Bidh e a’ cleachdadh ainmean-àite Gàidhlig ann an sruth de Bheurla, leithid “Bac Comann Eachdraidh” agus “Niseach sheilings”. Tha e geur air rannan Gàidhlig a thoirt dhuinn ach cha chleachd e sràc. Anns a h-uile dòigh se còrr agus treòraiche-turasachd a th’ aige oir tha móran de na dealbhan sean, tha iad uile dubh ’s geal, agus bidh e a’ leantainn muinntir an àite a-null thar chuain – ann an dealbhan cho math ri faclan.
Mar sin tha an leabhar ’na mheasgan beòthail, làn dibhearsain, annas eile a’ feitheamh air gach duilleig, leabhar-scrapaichean gu ìre ach le pearsantachd gheanail an ùghdair a’ cumail rian.
Uibhist a-Deas a-nist? Beinne Bhadhla? Barraigh?