Bradan á linne ’na mhèirle fhathast
Is fhiach iasgach slaite timcheall air £130 millean sa bhliadhna don econamaidh. Le daoine air leth beartach deònach na mìltean not a phàigheadh, tha prìs a’ chead iasgaich air iomadh linne cho daor ’s nach fhaod a’ mhòrchuid a pàigheadh. Tha iomadh linne eile dùinte, ’nan àiteachan cluiche do dhaoine uaisle ás gach pàirt den t-saoghal.
Chan e mhàin gu bheil seo mì-mhoralta, tha e cumail cosnadh luachmhor bho choimhearsnachdan ionadail, oir, beartach ’s gu bheil ceathrar bhancairean á Lunnainn, tha ceud iasgair clas-obrach a’ cosg barrachd airgid ann an seachdain air bùithtean, air leabaidh ’s breacaist, neo air taigh-seinnse. Agus chan eil coimhearsnachd Ghaidhealach ann nach fhaigh buannachd á sèasan luchd-turais a leanas gu deireadh an Dàmhair.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdDh’ath-chruthaich Nirribhidh na laghan iasgaich aice sna 60an, ’s tha i ’na h-eisimpleir do mhòran ann an Alba a tha a’ strì air son leasachadh fearainn. B’ e am prìomh amas, a rèir Helge Dyrendal, comhairliche aig Bòrd Manaidsearachd Nàdair Riaghaltais Nirribhidh, an dà chuid airgead agus daoine a chumail sna sgìrean iomallach. “Rinneadh ceangal eadar sealbh còireachan iasgaich bradain agus sealbh na talmhainn, oir bha an riaghaltas ag iarraidh gum faigheadh tuathanaich cosnadh á bunaitean eile a bharrachd air àiteachas agus obair thradiseanta.”
Agus mar a tha am mathan cho lìonmhor ’s e a’ biathadh ri taobh aibhnichean-bradain Canèideanach, sann bho na h-aibhnichean bradain acasan a gheibh coimhearsnachdan iomallach Nirribheach beòshlaint, agus airgead bho cheadan iasgairean a’ toirt cosnadh eile do thuathanaich bheaga.
Air aibhnichean far a bheil gyrodactylus salaris air am bradan a mharbhadh, tha na coimhearsnachdan air bàsachadh. Ged nach do sgaoil na beigearan beaga gu aibhnichean na h-Alba fhathast, tha na h-uachdarain mhòra a-cheart cho comasach air an cuid obrach.
Agus Nirribhidh cuideachd den bheachd nach fheum iasgach bradain a bhith toirmisgte do mhuinntir na dùthcha, tha amannan sònraichte ’s prìsean nas ìsle ri’m faighinn air fiùs na h-aibhnichean as cliùitiche. Ach tha na laghan seo 40 bliadhna a dh’aois, ’s tha laigsean annta: tha an t-iasgach as fheàrr glèidhte do na beartaich, ’s faodaidh tuathanaich, mòr no beag, prothaidean mòra dhèanamh á iasg fiadhaich.
Tha e duilich mìneachadh a thoirt air an toileachas a gheibhear á là air abhainn còmhla ri dlùth charaid, no á feasgar air a’ mhòintich leat fhèin, a’ tilgeil maghar ri breac. Tha e nas duilghe fhathast a thuigsinn car son a tha an lagh a’ ceadachadh prìs a chur air beathaichean a tha cho saor ri eun air an sgèith. B’ ann le cuimhne air aintighearnas a shiubhail iomadh Albannach chun an t-Saoghail Ùir, agus mar a mhìnich Dùghlas Emmett, an t-àrd-oifigear gnìomha aig Comhairle Iasgaich agus Seilge Waikato, tha muinntir Seallainn Nuaidh air leth dìonadach mu na còireachan a th’ aca an-diugh. “B’e am prìomh adhbhar gun do dh’fhàg mo shinnsearan nach robh fearann, iasgach no sealg ri’m faighinn ach aig na h-uachdarain. Do mhuinntir Seallainn Nuaidh tha an t-iasgach ’na chòir-bhreith, agus bhiodh cuid deònach bàsachadh air a shon. Bidh tuathanaich a’ feuchainn ri prìsean a chur air an-dràsta ’s a-rithist, ach cha tig ás ach fòirneart agus poidseadh. Tha am bradan ’s am breac ’nam beathaichean fiadhaich ’s tha an t-uisge a’ tuiteam ás na speuran. Chan eil iad fo shealbh duine beò.”
Gu dearbh. Chan eil cead iasgaich nàiseanta a’ cosg ach $130 sa bhliadhna, ’s an t-airgead sin a’ dol air ais gu sgeamaichean leasachaidh uisgeachan agus pròiseactan àrainneachd. Thall ann an Alba Nuadh, far am faighear an t-aon ghnè de bhradan ’s a th’ ann an Alba – bradan a’ Chuain Siar – tha cead iasgaich an-asgaidh do chlann fo aois 13, agus cha phàigh inbhich ach $47 anns a’ bhliadhna. Eilean Thasmain $37, Alasca $24, Montana Thormoid Mhic Gill Eathain $0. Saoil an còrdadh sin ri clann ana-cothromaichte Ghlaschu ’s Pheairt?
Thuirt labhraiche gum biodh an Riaghaltas “a’ leasachadh ’s ag ùrachadh rian agus cruth iasgach uisge gus a dhèanamh iomchaidh dhan 21mh linn”. Mar dhìleab bho Linn nam Fuadaichean, chan eil an suidheachadh a th’ againn a’ còrdadh ri riaghaltas a tha luath gus a’ bhratach shòisealach a thogail ’s a tha a’ feuchainn ris an ìomhaigh aig dùthaich adhartach a chruthachadh. Chan eil gràdh-dùthcha a tha stèidhichte air bratach agus seallaidhean brèagha ach falamh ma tha a’ chuid as fheàrr den dùthaich toirmisgte don t-sluagh – caran coltach ri Nigèirianach a bhith pròiseil á stòrasan mèinneil a dhùthcha.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S na Nàiseantaich ag iarraidh cumhachd air Oighreachd a’ Chrùin, dh’fhaodadh còireachan iasgaich fo a sealbh a bhith air an toirt don dùthaich, mar shamhla gun tig dùthaich nas cothromaiche cuide ri barrachd chumhachdan do dh’Alba. Dh’fhaodadh bùird iasgaich, mar phoileasaidh oifigeil, còireachan a cheannach bho shealbhadairean prìobhaideach thar bliadhnaichean, le ceannachd èigneachail bho shealbhadairean neo-làthaireach agus iasgach bradain Di-Dòmhnaich – mì-laghail an-dràsta – air fhosgladh dha na h-uile gus an uair sin. Glacaidh foidhidinn iasg, ’s tha iasgairean air fuireach fada gu leòr air atharrachadh nach tàinig.
Coltach ri mòran anns an t-Saoghal Ùr, tha sinnsirean Albannach aig Dùghlas Emmett. “Tha mi ’nam Shutharlanach air taobh mo mhàthar,” thuirt e. “Chan eil fios agam co ás a bha iad, ach tha mi air leth toilichte gun do dh’fhàg iad.”
Cho fad air falbh bho sgàth a’ chiad Dhiùic Chataich, tha cuimhne a’ crìonadh. Ach aig £1,500 air son seachdain air Abhainn Bhrùra agus na gleanntan fhathast falamh, tha a dhìleab a-cheart cho làidir ’s a bhà.