Aontachadh air fàire mu dhìon na mara
Ach tha iasgairean agus luchd-glèidhteachais a’ cumail a-mach gum feum na riaghailtean ’s na modhan-riaghlaidh air son nan sgìrean sin a bhith ceart agus iomchaidh, thoradh, ged a tha farsaingeachd nan sgìrean fhèin air an stèidheachadh agus molaidhean ann air son a bhith gan riaghladh, tha aig Riaghaltas na h-Alba ris na modhan-riaghlaidh deireannach a dhaingneachadh fhathast. Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Richard Lochhead: “Tha marannan na h-Alba deatamach do dhòigh-beatha muinntir na dùthcha. A thaobh na h-àrainneachd, tha iad fìor chudromach aig ìre Eòrpach ’s don t-saoghal air fad. Tha iad mar chiste phrìseil a ghlèidheas iomadh nì cudromach dhuinn a bhuineas ri nàdar, ’s tha iad aig an aon àm a’ toirt dhuinn cumhachd, biadh agus cur-seachadan.
“Cuidichidh na Sgìrean Mara fo Dhìon tha seo gus a’ mhuir a dhìon ’s an àrainneachd sin a leasachadh feuch am bi i fhathast ’na stòras luachmhor do na ginealaichean a thig as ar dèidh.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Bu thoil leam mo thaing a thoirt dhan a h-uile duine a bha an sàs sa cho-chomhairle air na sgìrean seo agus sna h-oidhirpean gus an lìonra seo a chruthachadh. Bha iad a’ riochdachadh tòrr dhiofar sheallaidhean: luchd àrainneachd, iasgairean, buidhnean cumhachd agus mòran eile.”
Ged a tha iasgairean san fharsaingeachd a’ cur fàilte air an naidheachd, tha ceistean fhathast aca mu na modhan-riaghlaidh a bhios ann aig a’ cheann thall. Thuirt Donnchadh MacAonghais, Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar: “Bha uallach glè mhòr oirnn an toiseach nuair a chuala sinn gun robh na sgìrean seo a’ tighinn. Ach tha còmhradh agus conaltradh air a bhith dol air adhart le oifigearan aig an Riaghaltas.
“A thaobh an taobh an-iar, tha iad air cur air dòigh riaghailtean ùra son daoine a tha tràladh aig doimhne àraid feuch nach dèan iad milleadh air an àrainneachd.
“Tha iad cuideachd a’ coimhead air na Monachs. Se an t-uallach as motha a th’ againn an sin gu bheil iad a’ moladh nach bi e ceadaichte lìn a chleachdadh. Tha iad ag ràdh gu bheil na lìn a’ dèanamh cron air na h-eòin. Ach tha sinne den bheachd gum bu chòir lìn a cheadachadh air grunnd na mara. Cha toir sin buaidh sam bith air eòin.”
Tha Mgr MacAonghais dhen bheachd gu bheil oifigearan an Riaghaltais air èisteachd ri iasgairean anns an fharsaingeachd a thaobh mar a thèid na sgìrean a riaghladh. Thuirt e gum biodh buidhnean a tha riochdachadh iasgairean a’ coinneachadh ris an Riaghaltas an ceann mìos an Dùn Èideann gus bruidhinn air na molaidhean feuch dè na riaghailtean a bhios ann aig a’ cheann thall. “Feumaidh an Riaghaltas a bhith cinnteach gum bi beachdan sòisealta ’s econamach air an toirt fa-near nuair a nì iad na co-dhùnaidhean maireannach.
“Cha bhi e gu feum sam bith ma tha na sgìrean timcheall nan eilean seo mar fhàsach far nach eil càil a’ tachairt. Tha na h-uisgeachan air a bhith a’ toirt buannachd dha na sgìrean a tha faisg orra tarsainn nan linntean. Ma tha iad a’ dol a sgur de na cleachdaidhean a tha air a bhith aca sna sgìrean a tha sin, chan eil iad a’ dol a dhèanamh ach cron mòr gu h-econamach ’s gu sòisealta.
“Tha iad air a’ mhòrchuid de na molaidhean a bh’ aig iasgairean a thoirt fa-near, ’s tha sinn an dòchas gum bi sin sna còmhraidhean deireannach mus tig na riaghailtean a-mach son nan sgìrean ùra. Tha sinn an dòchas gum bi buannachd econamach ás na sgìrean seo ’s gun tèid an àrainneachd a dhìon aig an aon àm.”
Tha aon Sgìre Mara fo Dhìon gu bhith timcheall Eilean Arainn.Se a’ choimhearsnachd fhèin a chuir sin air adhart air sgàth na h-àrainneachd. Thuirt Anndra Binnie, manaidsear COAST (Community of Arran Seabed Trust): “Tha sinn ag iarraidh ‘sgìre mara fo dhìon’ fhaicinn far nach bi daoine ri cleachdaidhean a nì milleadh, leithid tràladh air grunnd na mara agus sgrìobadh a’ ghruinnd air son chreachann.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Tha an riaghaltas a’ moladh gum bi sreath de mhodhan-riaghlaidh ann a nì dìon air na h-àiteachan a rèir dè cho mòr ’s a tha an cunnart gun tèid milleadh a dhèanamh orra. Feumaidh na modhan-riaghlaidh sin a bhith an gnìomh agus a bhith a’ cumail rian ceart air na sgìrean ro dheireadh 2016.”
Ach a rèir na tha an Riaghaltas a’ moladh an-dràsta, bhiodh tràladh fhathast a’ tachairt ann am pàirt den Sgìre Mara fo Dhìon timcheall Arainn. Thuirt Mgr Binnie: “Thathar a’ moladh an-dràsta gum bi tràladh air grunnd na mara agus sgrìobadh air son chreachann fhathast gan dèanamh sa mhòrchuid den sgìre againn, ach chan eil sin a’ dèanamh ciall a thaobh na feallsanachd air cùl nan sgìrean mara fo dhìon. Tha sinne a’ moladh nach bu chòir an seòrsa iasgaich sin a bhith ann, ach gum bu chòir barrachd iasgaich a bhith ann de sheòrsa nach eil a’ dèanamh uiread cron air an àrainneachd, leithid dàibheadh son chreachann agus iasgach le clèibh.
“Chan eil sinn an aghaidh iasgach, ach air son iasgach a ghabhas a dhèanamh gun a bhith a’ milleadh na h-àrainneachd.”
Tha coltas ann gu bheil obair aig an Riaghaltas ri dhèanamh fhathast gus a h-uile duine a shàsachadh. Ach tha coltas ann cuideachd gu bheil tòrr dhe na daoine anns an deasbad deònach coimhead air fuasglaidhean far am bi rèiteachadh ann eadar na diofar bheachdan.