Gaelic: Leum air do rothair ’ille, mar a nì iad san Òlaind
Sann le baidhsagal a bha mi a’ siubhal 16 mìle a-nall gach feasgar Di-Haoine ’s a-null air Di-Dòmhnaich. Cha robh e furasta dìreadh agus cromadh thairis air na cnocan air Rathad na Comataidh, ach bha mi a’ faotainn eacarsaich gu leòr son mo bhodhaig a chumail fallain.
Cha robh an turas furasta do bhalach nach robh ach dusan bliadhna. Tha an seanfhacal ag radh, “Cha b’e sin an turas an doras an taighe.”
Advertisement
Hide AdAnns an Òlaind tha na mìltean a’ siubhal air baidhsagalan, ach tha rathaidean air an comharrachadh air an son agus càraichean air am bacadh bho mòran de na sràidean. Tha Houten, baile anns a bheil 50,000 duine, còig mìle bho Utrecht, ’s tha e air a mheas mar “bhaile nam baidhsagalan”. A’ dol timcheall air son càraichean tha cuairt-rathad, agus a’ falbh bhuaithe tha corra shràid far am faodar càr a chleachdadh. Tha mòran den t-sluagh nach fhaic càr ach ainneamh.
Ann an Glaschu tha an comhairliche Frank McAveety deònach baile den aon seòrsa a stèidheachadh aig Sighthill air taobh a-tuath a’ bhaile. Chaidh e fhèin agus comhairlichean bho bhailtean eile gu Houten a dh’fhaotainn fiosrachadh.
Anns an Òlaind tha barrachd de bhaidhsagalan na tha de dhaoine. Tha 27 ás a’ cheud de thurasan air an deanamh air baidhsagalan an coimeas ri 2 ás a’ cheud ann an Alba. Ann an àiteachan mar Houten chithear peinnseanairean agus clann òga a’ sàbhaladh connadh agus gan cumail fhèin fallain le bhith a’ siubhal air baidhsagalan.