Gaelic: Cunnartan nam beann
Agus ged a tha cuid a dhaoine air moladh fiù ’s feuchainn ri stad a chur air daoine a dhol air feadhainn de na beanntan sa gheamhradh ma tha droch shìde ann, tha luchd-sreap agus luchd-coiseachd nam beann gu làidir dhen bheachd nach e sin an fhreagairt, agus gu dearbh gur e saorsa a th’ aig cridhe a’ chur-seachad aca.
Tha an geamhradh seo air a bhith fada agus fuar, agus tha sin gu sònraichte fìor nuair a thig e gu beanntan na h-Alba. Eadar dà mhaoim-sneachda san Fhaoilleach agus sa Ghearran, bhàsaich seachdnar dhaoine an Gleann Comhain agus anns a’ Mhonadh Ruadh. An e dìreach driod fhortan a tha anns na tubaistean uabhasach seo, neo an gabh dad a dhèanamh gus dèanamh cinnteach nach tachair iad cho tric? Thuirt Heather Morning, neach-comhairleachaidh air Sàbhailteachd sna Beanntan aig Sreap Alba (The Mountaineering Council of Scotland): “Feumaidh tu a bhith faiceallach nuair choimheadas tu air statistigean, oir ged a tha tòrr air bàsachadh o chionn ghoirid ’s dòcha nuair a ruigeas sinn deireadh na bliadhna seo gum bi an àireamh faisg air na bhios a’ bàsachadh gach bliadhna anns a’ chumantas.
Advertisement
Hide Ad“Cuideachd, nuair a choimheadas daoine air na h-àireamhan, bidh iad ag ràdh gu bheil mu 50 duine a’ bàsachadh sna beanntan gach bliadhna ann an Alba. Ach ás an àireamh sin cha bhi ach mu 20 a’ bàsachadh ann an tubaist nuair a tha iad a’ sreap no a’ coiseachd nam beann. Bidh a’ mhòr-chuid dhiubh a’ faighinn bàs air adhbharan eile. ’S dòcha gun robh greim cridhe aca, no gur e seann duine a bh’ ann le dementia a tha air a dhol a dhìth agus feumaidh Sgioba Teasairginn nam Beann a dhol a-mach a choimhead air an son, chan ann anns na beanntan ach air talamh ìosal. Tha sin fhathast mar phàirt de na h-àireamhan.
“Ma smaoinicheas tu air an àireamh de dhaoine a tha a’ sreap ’s a’ coiseachd nam beann, tha glè, glè bheag dhiubh a’ faighinn bàs. Tha an geamhradh seo air a bhith fìor mhath air son cur-seachadan geamhraidh, agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil barrachd dhaoine air a bhith a-muigh agus iad ris na cur-seachadan sin.”
A rèir àireamhan bho Scottish Mountain Rescue, tha an àireamh de chùisean èiginn ris an do dhèilig na sgiobaidhean teasairginn aca air a dhol suas bho 412 ann an 2001 gu 573 ann an 2011, ach an lùib nam figearan sin se an t-àrdachadh as motha a chunnacas na figearan son cùisean èiginn do dhaoine nach robh a’ sreap no a’ coiseachd nam beann (bho 65 ann an 2001 gu 158 ann an 2011). Ma smaoinicheas tu gun do ghabh muinntir na h-Alba 7.2 millean turas fa leth agus iad a’ coiseachd no a’ sreap nam beann ann an 2011 ann an Alba, ’s dòcha nach eil na h-àireamhan air son daoine a’ bàsachadh buileach cho dona.
Ach dè mu dheidhinn sàbhailteachd? Thuirt Heather: “Tha tòrr fiosrachaidh a-muigh an sin mu shàbhailteachd: mu uidheamachd iomchaidh, mun t-sìde, mun t-suidheachadh a thaobh mhaoimean-sneachda. ’S thairis air na 10 bliadhna a dh’fhalbh tha an uiread fiosrachaidh air a dhol am meud, ’s leis an eadar-lìon tha e nas fhasa a lorg. Gu mì-fhortanach tha tòrr dhaoine a’ roghnachadh fhathast a dhol a-mach gun a bhith toirt an aire dhan fhiosrachadh sin, air son adhbhar air choreigin. Cuideachd, bidh thu a’ cluinntinn sna meadhanan gu robh deagh eòlas aig sreapadair a fhuair bàs, agus uaireannan chan eil sin ceart, bidh eòlas a’ ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine.
“Tha diofar dhòighean againn gus fiosrachadh a thoirt do dhaoine. Aonan de na ciad rudan a bhios mi a’ dèanamh, bidh mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach car son a tha daoine a’ dèanamh mhearachdan air na beanntan. Bidh mi an uair sin a’ feuchainn ri daoine oideachadh feuch nach tachair a leithid a-rithist.
“A’ coimhead air ais thar nam bliadhnaichean, se mearachdan a thaobh navigation as coireach air son tòrr de na tubaistean agus turchairtean. Cuideachd, bidh daoine uaireannan a’ dèanamh grunn mhearachdan – can, a’ fàgail anmoch, gun a bhith ag ithe gu leòr, gun aodach freagarrach, droch thìde a’ tighinn a-staigh, agus iad sin uile as coireach air son cùis èiginn. Bidh sinn a’ cleachdadh chùrsaichean trèanaidh, tha fiosrachadh air an làrach-lìn againne ’s aig buidhnean eile, cuideachd bidh sinn a’ sgaoileadh fiosrachaidh tro na meadhanan.”
Advertisement
Hide AdThuirt Dòmhnall Morris, a bhuineas do Loch Abar bho thùs agus a tha air a bhith a’ sreap ’s a’ coiseachd nam beann son iomadh bliadhna: “Tha thu a’ gabhail ris gu bheil cunnart ann ma tha thu a’ dol suas dha na beanntan, ach tha thu a’ feuchainn ris a’ chunnart sin a lùghdachadh. Ach cha chanainn gu bheil an cunnart air fàs nas miosa ann an dòigh sam bith. Tha beagan strì agus fulang a’ còrdadh ri daoine an-dràsta agus a-rithist, sin car son a bhios daoine a’ dol suas na beanntan.
“Ach a bharrachd, tha na beanntan, an àrainneachd ’s an dùthaich brèagha. Tha iomadach adhbhar air son a bhith dol ’nan còir. Cha bu chòir stad a chur air daoine a’ dol suas na beanntan, se am prionnsapal a th’ ann gu bheil daoine a’ gabhail uallach air an son fhèin. Oir faodaidh tubaistean a bhith ann air iomadach adhbhar, chan ann dìreach air sgàth droch shìde.
Advertisement
Hide Ad“Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh rud a th’ ann am beagan cunnairt an-dràsta agus a-rithist, oir tha thu ag ionnsachadh bho sin. Ach tha mi cuideachd a’ smaoineachadh gum bu chòir do dhaoine a bhith dèanamh cho-dhùnaidhean a tha stèidhichte air deagh eòlas, agus chan eil sin aig a h-uile duine.”