Gaelic: Bàtaichean cargu Mhic a’ Bhriuthainn
Nam biodh duine gu math feumach air a’ ghnùis a bhearradh ’s e a’ coimhead mì-sgiobalta, chanadh cuideigin ris, “Thàinig bàta nam blades a-raoir.”
Ann am prògram inntinneach èibhinn air BBC Alba, tha Dòmhnall Meek, a chaidh a thogail ann an Tiriodh, ag innse mar a bha ùidh aige riamh anns na bàtaichean. Bidh e a’ deanamh modalan a bhios ag obrachadh le rèidio. ’Na òige bhiodh e ’na sheasamh a’ coimhead an Lochcarron a’ tighinn a-staigh ’s a’ ceangal ris a’ chidhe. Abair ùpraid an uair sin agus a h-uile neach cho trang.
Advertisement
Hide AdB’e Donnchadh MacFhionghain an sgiobair. Dh’aithnicheadh an criutha gun robh droch shìde air fàire nam biodh strap a’ churraic aige ceangailte fo smig. Anns a’ phrògram bha seòladairean á Barraigh, Murchadh MacDhòmhnaill agus Pàdraig MacNèill, ag innse sgeulachdan.
Aig deireadh sheachdain ann an Glaschu bhiodh iad a’ gabhail drama. Bha bodach anns a’ Cheilidh Bar aig an robh Gàidhlig. Dh’èibhidh e, “Time gentlemen please ach sibhse aig a bheil Gàidhlig faodaidh sibh fuireach.”
Chuir an t-Iarla Granville a dh’iarraidh carbad a ghluaiseadh air muir agus tìr, seòrsa de beach landing craft air son obair nan tuathan èisg. Ràinig e Loch nam Madadh air bòrd an Lochcarron agus shaoil leis an dràibhear a bha ’na coinneamh gum fiachadh e a-mach air a’ mhuir leis anns a’ bhad. Thòisich na bodaich a bha air a’ chidhe air èibheach gun robh Seonaidh Ailig air a dhol ás a rian.
Bàtaichean cargu Mhic a’Bhriuthainn – cha deanadh na h-eileanan dad ás an aonais.