Gaelic: Bàrdachd mu dhealbhan agus nobhail mu nobhail
Tha dà leth ann an Tro Chloich na Sùla: Mar a Chunnaic Peantairean Ainmeil an Saoghal (Clàr, £9.99). Anns a’ chiad leth tha fichead dàn anns a bheil am bàrd a’ toirt sùil air dealbhan ainmeil: aon am fear le da Vinci agus Van Gogh, trì am fear le Gauguin agus Caspar David Friedrich, a dhà am fear le Münch, Blake agus Odilon Redon, ceithir le Chagall, ‘Nighthawks’ le Hopper, agus ‘Whistler’s Mother’. Tha e a’ cleachdadh seann mheadairean inntinneach mar “deibhidhe” far a bheil comhardadh eadar lide le beum agus lide gun bheum, leithid:
Rinn thu an dealbh àlainn gheal
Is dhubh, luach mìle facal.
Tha seo aige air màthair Whistler:
Tè le smuaintean naomha
Don fhear-ealain mhòr;
Coinneamh an dà shaoghal,
Is dà sheòrsa glòir.
Agus seo air ‘Closed Eyes’ le Redon:
Iargalt’ a lìon dealbh do bheatha
Gu ruige seo. Spreadhaidh dath
Bhod làimh mar fhalaisg, an tùrsa
A’ tionndadh gu nithean math.
Is toil leam mar a bhios e a’ cluiche le comhardadh, leithid eadar “bourgeois” agus “shaorsa” anns na leanas air ‘Portrait of Violette Heyman’ le Redon:
A, a ghaoil! Thu nad shaoghal
Uaine, cofhurtail, bourgeois,
’S na flùraichean fiadhaich, ùrar
Gad tharraing le ’m mòr-shaorsa.
Advertisement
Hide AdB’e ‘Co-là-breith’ bu mhotha a chòrd rium ge-tà (faic bogsa).
Tha mu fhichead dàn eile san leabhar. Feadhainn mu àiteachan san Eilean Sgitheanach, mu chreideamh, mu bhodach a b’ aithne dha, Dòmhnall Choinnich Tharmoid (dìleab MhicThómais ri h-aithneachadh?), mu thuras gu Praha. Dh’ionndrainn mi poileataigs, ach tha iad ann an ‘An Sealladh à Praha’ far a bheil duine ag ràdh ris a’ bhàrd gu bheil cùisean fada nas fheàrr bho dh’fhàg na Ruiseanaich.
’S chuir na facail aige nàir’ orm
airson na dùthcha dìblidh
a dh’fhàg sinn.
“Tha saors’ againn co-dhiù,” thuirt e:
treun na facail – agus sìmplidh.
Tha dàn ann mun “Fhigheadair Shàmhach” Aonghas Eòsaph Mac-a-Phì, agus feadhainn nas pearsanta, leithid fear mu ogha a’ bhàird, ‘Aodann Eubha – agus i Mìos a dh’Aois’, agus fear a rinn e nuair chaidh a bean fo lannsa.
Tha na dàin mu na dealbhan ’nan traoit àraid, ach se an rud as fheàrr leam air fad mu chruinneachadh sam bith a’ bhàrdachd nach gabh a cur ann am bogsa le leubal. Tha eisimpleir mhìorbhaileach ann den t-seòrsa, ‘Nàbaidhean’ – seachd rannan subhach a’ tòiseachadh:
An nigheadaireachd a’ placadaich
air a’ ròp’, ag innse a sgeul fhèin:
“San taigh seo, tha cuideigin beò.”
A’ stiùireadh gu facail a tha am bàrd a’ cur am beul nan nàbaidhean:
“. . . tha sinn ann, tha sinn ann
ann an seo nar saoghal fhìn
cho toilichte ris an aodach
a’ cabadaich air an ròpa.”
Cha b’ urra do neach sam bith ‘Nàbaidhean’ a leughadh gun na spioradan aca a bhith air an togail. Siud buaidh na bàrdachd.
Advertisement
Hide AdTha notaichean aig deireadh an leabhair a tha air leth feumail.
Se An Dosan (Acair, £9.99) a’ cheathramh nobhail aig Norma NicLeòid. Se fìor charactar a th’ anns an Dosan, neo Dòmhnall Seumas Iain gus a làn ainm a thoirt dha. Tha e gabhail dhrogaichean, ’s anns a’ chiad pharagraf tha a mhàthair ga shadail a-mach ás an taigh, “rud nach do rinn mòran mhàthraichean a-riamh air an gineal fhèin”. Mar sin, se leabhar tha seo mu dheidhinn briseadh theaghlaichean, briseadh inntinn, ciont, slànachadh.
Advertisement
Hide AdSe an rud annasach (agus tarraingeach) mun Dosan nach eil e a’ fàgail an eilein idir. Chan eil e ach a’ dèanamh air a’ cheann eile dheth, san iar, pàirt dheth “anns nach robh e a-riamh air a bhith na bheatha”, mar gun cuireadh fear á Tolasta a cheann sìos ann an Ùig. Tha e dol ’na phearsa car coltach ris an “Aonaran” anns an nobhail den ainm sin a sgrìobh Iain Mac a’ Ghobhainn, ’s tha e a’ dèanamh beatha dha fhéin ann a-shin. Tha e a’ fuaigheal, a’ dèanamh aodach bhoireannach, a’ peantadh, a’ sgrìobhadh – oir tha e tàlantach – agus a’ cumail bùtha.
Salann na talmhainn, neo bathar millte?
Tha an Dosan a’ dèanamh charaidean sa bhaile, gu sònraichte Mòrag ’s a h-athair, “an Solas”, a tha le chéile coibhneil dha. Ach tha pearsantachd eil’ ann, am prìomh charactar ann an dòigh, Maini. Tha “Maini” goirid air son managan (mannequin, tha fhios), a’ cur an cuimhne dhuinn gur e boireannach, Mary Shelley, a sgrìobh Frankenstein. Éist ri seo: “Sheall fear na ceàrdaich dha mar a shuidheadh i is mar a sheasadh i, mar a lùbadh i a glùinean agus a h-uinlean. Cuideachd b’ aithne dhi a-nis an dàrna cas a chur thairis air a’ chois eile, dìreach ion-mhiannaichte airson dreasaichean, agus airson aithneachadh am biodh sgiorta ro ghoirid no a’ cur feum air rud beag a bharrachd fèitheim. Dh’aithnich an Dosan air a h-aodann sa bhad gun robh i fhèin toilichte, ach gu dearbha cha robh e a’ dol a leigeil sin air a-staigh sa cheàrdaich. Chaidh sealltainn dha mar a ghabhadh a toirt às a chèile nam bithist a’ faicinn sin freagarrach.
“Well, cha robh esan ag iarraidh a bhith ga toirt às a chèile, ’s e aon rud a bh’ ann sin a dhèanamh airson an opairèisein, ach a-nis gun robh i air a thighinn tron sin, cha robh esan ga fhaighinn ann fhèin a bhith a’ cur fulang sam bith an taobh a bha i. Mar sin dh’iarr e air fear na ceàrdaich a gleidheadh airson seachdain, gus an ceannaicheadh esan, Dòmhnall Seumas Iain, bhan bheag anns am faigheadh i air suidhe gun feagal a bhith daonnan oirre gun robhas a’ dol ga màbladh.”
Tha mi fhìn seachd duilich nach eil tuilleadh ga dhèanamh de Mhaini. Ach chan i Norma NicLeòid Mary Shelley. An àite sin, tha caoban den leabhar a tha an Dosan a’ sgrìobhadh, ‘An Lònan Dubh’, air an toirt dhuinn, ann am font eile, sgapt’ air feadh na sgeulachd. Chan eil ‘An Lònan Dubh’ idir cho math ri An Dosan (mar gum bitheadh!) ach tuigear car son a tha e ann, oir ged as e boireannach, Ema, as prìomh charactar dha, tha an nobhail aige a’ leigeil leis an Dosan a bhith sgrìobhadh mu dheidhinn briseadh theaghlaichean, briseadh inntinn, ciont, slànachadh. Agus tha Ema a’ roghnachadh na slighe nach do roghnaich esan, tha i dol a dh’Ameireaga ’s a Shasainn agus cuideachd tha i a’ cur aghaidh air freumhan a càs.
Beag air bheag tha an dà sgeulachd a’ tighinn nas fhaisg’ air a-chéile. Ach seach nach i Norma NicLeòid Mary Shelley, chan eil ‘An Lònan Dubh’ a’ gabhail smachd air An Dosan, chan eil Maini a’ tighinn beò. Chan eil ann ach gu bheil Ema a’ dèanamh dragh dhan Dosan gu ìre ’s gun robh e air a dhol a bhruidhinn ris a’ mhinistear mu deidhinn “mura bitheadh gun tuirt Maini gun e sin a dhèanamh co-dhiù”. Agus, air a’ cheann thall, gum bi an Dosan ag innse ‘An Lònan Dubh’ dhan t-Solas mar gum b’e bh’ ann sgeulachd san taigh-chéilidh.
Tha sgrìobhadh Norma NicLeòid sàmhach, uasal, gun sradagan gam froiseadh, eadhoin far a bheil murt (anns an ‘Lònan Dubh’), neo far a bheil an Dosan a’ dol ás inntinn buileach ’s a’ sreap gu mullach crann teileagraf. Sin an neart aice: tha cuideam air an t-slànachadh, chan ann air an lot. Tha rudeigin mu na facail seo ás an ‘Lònan Dubh’ a tha a’ suimeachadh stoidhle agus brìgh an leabhair: “Nuair a bhithinn a’ coimhead an aiseig a-null ’s a-nall, ’s a-nall ’s a-null, dh’aithnich mi nach biodh agam tuilleadh sa bheatha seo ach mi fhìn.”
Tàladh de sheòrseigin dha na leòintich? Tha mi a’ moladh an dà leabhair seo gu mór.