Bidh dà Ghaidheal ann an Geamachan a’ Cho-Fhlaitheis
Se aon dhiubh Iain Dòmhnallach (mac Fergie, fear a’ bhogsa), a bhios anns an sgioba losgaidh (shooting). Ach ’s i an lùthchleasaiche bu mhotha tharraing aire nam meadhanan am boireannach òg comasach á Cille Pheadair ann an Uibhist a-Deas, Kerry Nic-a-Phì, a chaidh a thaghadh son sgioba baidhseagail-beinne na h-Alba – agus, ma bhios feum oirre, son na sgioba rathaid cuideachd.
Naidheachd mhìorbhaileach, chan ann a-mhàin air son Kerry, a teaghlach, ’s nan Eileanan Siar ach dhan Ghàidhlig cuideachd, a bhios air a cluinntinn ’s a faicinn – tha i air iarraidh mar-thà gum bi “Nic-a-Phì” air an èideadh oifigeil aice – an lùib an liuthadach cànan eile a thig a Ghlaschu bho gach ceàrn dhen Cho-Fhlaitheas. ’S aithne dhomh Kerry bho bha i ’na leanabh, agus coltach ris ah-uile duine eile á Uibhist a-Deas tha e gam lìonadh le pròis gu bheil tè de mhuinntir na sgìre agam fhìn, a thòisich le bhith a’ buinnig rèis Beinn Choinnich ’s a bhios fhathast a’ trusadh chaorach còmhla ri h-athair, a-nis gu bhith a’ farpais aig geamachan Ghlaschu.
Advertisement
Hide AdTha fiosam cuideachd an obair chruaidh a tha Kerry air a chur a-steach air son an ìre sa a ruighinn, a’ strì ri trì obraichean pàirt-ùine a chumail a thuilleadh air a bhith a’ trèanadh ’s a’ farpais aig an aon àm. Chan eil ach ochd mìosan bho chuir i roimhpe faighinn dha na sgiobaidhean baidhseagail as dèidh a bhith a’ farpais grunn bhliadhnaichean mar triathlete, dearbhadh an dà chuid air a comas mar lùth-chleasaiche ’s am miann a bh’ aice an ceann-uidhe seo a ruighinn.
Gu h-annasach bidh Kerry a’ leantail ann an lorgan Deasach eile an uair a nochdas i aig Glaschu 2014. Thogadh Donaidh Dòmhnallach ann am Bòirnis mus do ghluais an teaghlach aige gu tir-mòr, ach ghabh esan pàirt aig Geamachan na h-Ìompaireachd (mar bh’ orra) ann an 1958 an uair a ruith e sna farpaisean 800 meatair ’s an rèis-phàirteach no relay 4 x 400 meatair ann an Cardiff. Choisinn e cliù as dèidh sin cuideachd mar choidse son Sir Ming Caimbeul a’ ruith an Geamachan Olimpigeach Tokyo ’s an Geamachan Co-Fhlaitheis Jamaica ann an 1964 agus 1966.
Ceithir bliadhna air ais cheannaich Kerry a’ chiad bhaidhseagal aice son £30 gus pàirt a ghabhail sa chiad rèis triathlon aice. An-diugh tha i cleachdadh inneal luach £7,000, dusan turas nas luachmhoire na ’n càr aice! Tha e iogantach an t-adhartas a tha i air a dhèanamh san ùine sin ach tha e cuideachd a’ sealltainn nas urrainn dhut a dhèanamh ma tha an tàlant ’s am miann agad an ìre as àirde a ruighinn.
Mo bheannachd oirre, ’s bidh sinn an dòchas gum bi sinn a’ faicinn ’s a’ cluinntinn barrachd mu Kherry Nic-a-Phì thairis air na seachdainean a tha romhainn.