Àiteachan dorcha, caraidean, agus casan far nach bu chòir casan a bhith
Cuideachd bho Leabhraichean Beaga tha Rona agus a Caraidean (£6) agus Is Mise Iasg (£5). Chuir mi iad tro mhuileann neo-iochdmhor nan oghaichean agus thàinig iad troimhe le làn seula a’ mholaidh.
Chòrd Rona (le Ceitidh Hutton, dealbhan le Gwen Bowie) ri Anna, 3. Tha dealbh mór dathte anns gach fosgladh, le pailteas a’ dol air adhart anns gach gin. Tha ceithir caraidean aig Rona agus tha trì stòiridhean ann – mu na nì iad aig àm na Càisge, air co-latha-breith Rona, agus aig àm Nollaig. Tha suaimhneas, blàths agus gaol san leabhar agus se sin a tha dhìth ort aig aois a trì. Bha Anna air a beò-ghlacadh.
Advertisement
Hide AdChòrd Iasg (le Jane Mason, dealbhan le Jane Mason) ri Calum, 5, a tha déidheil air surrealism, neònachas agus dad sam bith nach eil ag obrachadh ceart; se sin, gach nì nach eil mar bu chòir. Tha Iasg ’na iasg, ach tha trì casan aige, tha e fuireach air croit ’s chan eil dad aige mu uisge. Tha sinn a’ coinneachadh ri caractaran eile den aon t-seòrsa, Cù, Teanta, Bàla, Bò agus Bodach-Sneachda. Is toil leam fhìn Teanta. Tha casan ac’ uile ach a-mhàin Bodach-Sneachda; nì Iasg agus Cù feadhainn fhiodha dha ge-tà.
Tha iad uile ’nan caraidean ach chan eil am facal “caraid” a’ nochdadh idir. Saoilidh mi gun do chòrd sin ri Calum oir siud searmonachadh ’s chan eil dad as lugha airsan na searmoinean.
Chòrd na dealbhan làidir sìmplidh ris cuideachd oir tha e a’ tarraing an aon t-seòrsa rud e fhéin. Rud nach do chòrd riumsa ge-tà se gu bheil Iasg ag òl làgair agus Cù ag òl uisge-beatha agus branndaidh! Dé fon ghréin a bha thu smaointinn, Ms Mason?
Ach chan eil e gu diofar mur eil comas leughaidh aig an leanabh co-dhiù. Staigh dhan stocainn leis còmhla ris na dhà eile!