O CHIONN 80 BLIADHNA: bhon ‘Weekly Scotsman’, 5 Màrt 1932
Leugh mi ùirsgeul o cheann ghoirid anns an robh an t-ùghdar a’ deanamh am mach, troimh aon de a luchd-deasbuid, gu’m bheil a’ Ghàidhealtachd air thì dol an tainead a thaobh sluaigh agus ri ùine gu’m bi i glan fhalamh, cho fad ’s a tha a seann chinneach air a ghabhail a staigh. Faodaidh so a bhi ceart no cearr, ach is ann ainneamh a théid sluagh á bith gu buileach, eadhoin ged a dh’fhaodas cùisean a bhi ’g oibreachadh glé fhada ’nan aghaidh.
Tha na h-Innseanaich Ruadha fhathasd air mhaireann ged is minig a chaidh a ràdh gu’n robh iad air an sàruchadh thar am fulaing, chan b’ann idir le’n coimhearsnaich ùra ach le grùdaireachd na mìn-oilein – nan cleachdaidhean neo-chumta a thàinig do’n ionnsuidh le gaoth an duine ghil.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAir a cheart dòigh, na Zulu-aich: cha deachaidh iadsan am mugha ged a shearg iad ás glé mhór. Is ann a tha iad an tràsda a’ gabhail seilbh ás ùr do dhùthaich an athraichean an tomhas beag no pailt, agus tha an àireamh a’ dol gu riochdail am meud.
Thigeadh do na Gàidheil, ma-tà, misneach mhath a ghabhail, oir, ged a bha iad gann aig an census mu dheireadh tha móran de’n bharail gu’m bi iad gu math na’s lìonmhoire mu’n tig àm an ath census. Tha sonas is soirbheachadh leo an ceartair agus bidh iad leo gu ceann iomadh latha.