Cha robh dearcagan riamh cho pailt
Cha robh e furasta an togail oir bha drisean a dheanadh cron air corragan timcheall orra. Bha e ’na bhuaireadh na dearcagan a stobadh ’na mo bheul an àite dhan chuinneig.
Am-bliadhna an dèidh geamhradh tlàth agus samhradh tioram cha robh dearcagan riamh cho lìonmhor air feadh Alba. Tha tuathanaich a tha a’ togail sùbhan-craoibh neo raspberries air leth toilichte. Anns na deich bliadhna mu dheireadh tha àireamh nam maoth-mheasan seo a thatar a’ togail air èirigh 300 ás a’ cheud le bhith brideachadh seòrsachan ùra. Thuirt Dàibhidh Steaphan á Inbhir Uraidh a tha a’ reic nan tunnaichean de shubhan-craoibh, “Cha robh iad riamh cho pailt agus cho blasta. Cha tàinig reothadh as t-earrach ’s air sgàth sin bha seilleanan a’ gluasad poilean feadh nam measan.”
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdIs iad sùbhan-craoibh agus sùbhan-làir neo strawberries na measan as cumanta. Bidh iad air an togail ann an Sgìr Aonghais agus Siorrachd Pheairt ann am pailteas, agus anns na Crìochan.Air feadh Alba gheibhear dearcagan eile mar gròiseidean (gooseberries), dearcagan dubha (blackcurrants), dearcagan dearga (redcurrants), crainnseagan (bilberries) agus smeuran loganach (loganberries).
Chan eil Alba gann de dhearcagan agus tha lighichean ag iarraidh oirnn a bhith gan ithe, oir tha mòran dhiubh làn de antioxidants a chuireas stad air crìonadh air na ceallan a tha ’nar bodhaigean.
Ge dubh an dearcag, ’s milis i.