Gaelic: Tha ‘Ùr-Sgeul’ marbh — guma fada beò ‘Aiteal’
Chaidh a’ chiad leabhar sant-sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, fhoillseachadh ann an 2003, agus le Màiri Dhall agus Sgeulachdan Eile le Donnchadh MacGillÌosa, a thèid fhoillseachadh gu h-oifigeil san Lùnastal, bidh 33 leabhraichean ann.
Bho thòisich e tha Ùr-Sgeul air roghainn fharsaing agus ùidheil de nobhailean ’s de sgeulachdan goirid a thoirt dhuinn bho ùghdaran aithnichte agus ùra. Tro dhiofar stoidhlichean ’s ghuthan agus beartas bhriathran ’s cainnte, a bha uairean lom ’s aig amannan eile riochdail, tha na leabhraichean seo air ùr-ealain a thoirt dhuinn ann an rosg Gàidhlig.
Advertisement
Hide AdSe John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh Ùr-Sgeul. Dè bha air cùl a’ chiad smuain a bh’ aige ann an 2002 nuair a sgrìobh e gu Comhairle nan Ealain mu bhith stèidheachadh sreath de leabhraichean rosg Gàidhlig? “Bha beàrn ann a thaobh rosg Gàidhlig ùr – gu h-àraid ficsean,” mhìnich e. “Bha Comhairle nan Leabhraichean air son a’ bheàrn a lìonadh. Air son diofar adhbharan, cha robh ficsean Gàidhlig a’ faighinn fìor chothrom san 20mh linn, ged a bha sgrìobhadh sònraichte ann. Bha na bàird – Somhairle agus eile – a’ faighinn cliù, ’s iad a bha airidh air, ach bha e iomchaidh rud beag a bharrachd oidhirp a dhèanamh a thaobh rosg.”
Gu fortanach bha dithis aig Comhairle nan Ealain a bha air leth taiceil dhan bheachd aig John: Gavin Wallace nach maireann agus Jenny Brown. Thug iad sin an taic a bha dhìth. Ach an robh Comhairle nan Leabhraichean an dùil gum biodh Ùr-Sgeul cho soirbheachail ’s a tha e air a bhith? Fhreagair John: “Tha an urra ri daoin’ eile co-dhùnadh a dhèanamh an robh e soirbheachail! Tha mi creidsinn gu robh toradh beag air choreigin ann.”
Ged a tha John fhèin ro iriosal air son cus a ràdh, tha gu leòr eile den bheachd gu bheil Ùr-Sgeul air a bhith air leth soirbheachail. Mar eisimpleir, san leabhar aige An Introduction to Gaelic Fiction tha an t-Oll. Moray Watson ag ràdh: “The Ùr-Sgeul project has meant changes of seismic proportions . . . the productivity of the last six years comes close to matching that of the preceding century . . . Ùr-Sgeul has been responsible for the biggest single publishing initiative ever seen in Gaelic fiction.”
Agus dè bhuaidh a tha air a bhith aige sin air sgrìobhadh Gàidhlig? Tha John ag ràdh: “Rinn e grunn rudan, tha mi ’n dòchas. Thug e misneachd, tro chruinnichidhean de sgeulachdan goirid, do sgrìobhadairean ùra, leithid Tim Armstrong, Alison Lang, Màiri E NicLeòid agus Maureen NicLeòid. Thug e cothrom foillseachaidh do sgrìobhadairean stèidhichte. Bha fios againn gu robh sgrìobhadairean ficsean sònraichte againn ann an Gàidhlig – ach math dh’fhaoidte nach robh uiread chothroman ann dhaibh. Bha feadhainn aca air dòchas a chall.
“Dhearbh Ùr-Sgeul gu robh e comasach do na Gaidhil a bhith dèanamh leabhraichean aig àrd-ìre, a-cheart cho profeiseanta ri leabhraichean sam bith ann am Beurla. Bhrosnaich e an nobhail Ghàidhlig. Ged a bha nobhailean Gàidhlig air nochdadh anns an 20mh linn, cha robh cus ann.”
Tha Ùr-Sgeul cuideachd air sgrìobhadh Gàidhlig a chur fa chomhair an t-sluaigh ann an Alba tro innleachdan margaidheachd a bha lèirsinneach agus cruthachail. ’S tha na leabhraichean air cliù agus duaisean a chosnadh aig ìre nàiseanta ’s iad a’ faighinn aithne ann an duaisean mar an fheadhainn aig Comann Bratach na Croise. Tha iad fiùs air ceanglaichean a bhrosnachadh eadar Alba ’s dùthchannan eile mar a’ Ghearmailt agus Èirinn. Agus gu dearbh tha feadhainn de na leabhraichean air a bhith ’nan tobraichean domhainn anns am faighear dualchainntean, gnàthasan-cainnte sònraichte agus faclan prìseil a tha a-nis glèidhte ann an clò.
Advertisement
Hide AdDè am beachd a bh’ aig an luchd-leughaidh fhèin air na leabhraichean? Tha John ag innse dhuinn: “Fhuair sinn dearbhadh gu bheil leughadairean Gàidhlig coltach ri luchd-leughaidh ann an cànan sam bith –còrdaidh aon leabhar riutha gu mòr; bidh gràin aca air feadhainn eile! Tha sin fallain.”
Agus seach gu bheil Ùr-Sgeul a-nis deiseil, dè thig ’na àite?
Advertisement
Hide Ad“Tha sgeama ficsein ùr ann, Aiteal, ’s tha Acair os cionn sin, le taic o Chomhairle nan Leabhraichean. Cumaidh CLÀR orra a’ dèanamh beagan ficsein. Agus tha foillsichearan eile ann leithid Sandstone. Tha seo uile math. Se as cudromaiche gun tog sinn air a’ bheagan a rinn Ùr-Sgeul.”
Bidh sinn uile an dòchas gur e sin a thachras, oir se call mòr a bhiodh ann mura togar air an ealain ùir a tha air nochdadh ri linn Ùr-Sgeul. Tha John agus gu leòr eile an dòchas gum faic sinn barrachd agus barrachd ficsean Gàidhlig, de gach seòrsa agus stoidhle.
Bidh na sgrìobhadairean Mìcheal Klevenhaus, Màiri E NicLeòid agus Aonghas Pàdraig Caimbeul a’ comharrachadh deich bliadhna de dh’Ùr-Sgeul còmhla ri Moray Watson ann an Dùn Èideann air 10 Lùnastal.