Gaelic: ‘Tha uallach pearsanta oirnn uile’
Ach, cuideachd, chuir e ’nar cuimhne uair eile cho deatamach ’s a tha e gum bi coimhearsnachdan againn far am faod daoine Gàidhlig a bhruidhinn: “Tha diofar sheòrsachan coimhearsnachd ann. Tha an seòrsa ris an robh mòran againn cleachdte air a’ Ghaidhealtachd agus sna h-Eileanan gu math eadar-dhealaichte ris an t-seòrsa a th’ anns na bailtean beaga ’s mòra. Se dùbhlan mòr a th’ ann dhuinn a bhith a’ cruthachadh coimhearsnachdan cànain a chumas taic ris a’ ghinealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha e math a bhith a’ faighinn taic aig ìre nàiseanta, roinneil agus poilitigeach, ’s a’ faicinn buidhnean nàiseanta agus seirbheisean poblach a’ toirt taic seachad tro na Planaichean Gàidhlig aca, ach tha uallach pearsanta oirnn uile ar cànan a chleachdadh ’s a bhrosnachadh mar chànan a tha iomchaidh son a cleachdadh bho latha gu latha anns a h-uile suidheachadh.”
Bha e cuideachd air son gun deigheadh a gleidheadh mar chànan coimhearsnachd sna h-eileanan mus bi e ro fhadalach: “Thuirt mi roimhe gun robh mi den bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig a’ feumachdainn dachaigh, àrainneachd far am bi i mar phrìomh chànan cleachdaidh ann am beatha làitheil san dachaigh, sa choimhearsnachd, ann an cur-seachadan, ann an adhradh agus san àit’ obrach. Tha na h-àireamhan bhon Chunntas Shluaigh gar cuideachadh gu bhith a’ tarraing ar n-aire gu na sgìrean far a bheil barrachd àireamh sa cheud de luchd-labhairt ann an coimeas ri sgìrean eile, agus tha e soilleir gur e na h-Eileanan an-Iar an sgìre as làidire a th’ ann fhathast far a bheil e nas dualtaich gum bi a’ Ghàidhlig ga cleachdadh aig ìre coimhearsnachd. Feumar sin altram ’s a leasachadh fhad ’s a tha bunait fhathast ann bho’m faodar adhartas fhaighinn.”
Advertisement
Hide AdBha Mgr MacLeòid air son gum biodh misneachd aig daoine Gàidhlig a chleachdadh anns gach suidheachadh: “Cha mhair a’ Ghàidhlig ás aonais oidhirp, ’s feumaidh sinn uile an oidhirp sin a dhèanamh a bhith ga cleachdadh gu poblach a bharrachd air gu prìobhaideach gun leisgeul sam bith.”
Bha Rùnaire ùr na h-Alba, an t-Ìleach Alistair MacIlleMhìcheil, an làthair aig a’ Mhòd. Thuirt e: “Tha Gàidhlig fhathast ’na pàirt air leth cudromach de chultar na h-Alba agus bu chòir dhuinn a gleidheadh ’s a h-altram. Tha e math adhartas fhaicinn, gu sònraichte ann am foghlam tron Ghàidhlig. Cha bu chòir dìochuimhneachadh gun robh àite glè chudromach aig mòdan ionadail agus nàiseanta a’ Chomuinn Ghaidhealaich ann a bhith gleidheadh a’ chànain thar nam bliadhnaichean aig àm nach robh ùidh aig mòran dhaoine innte.”