Gaelic: Cruachan mòna ’nan obraichean ealain – tha fhios gu bheil
Is iomadh greiseag a chuir m’ athair seachad ris an obair agus se a bhiodh moiteil nuair a bhiodh i deiseil, a h-aghaidh ris an tuath agus a cùlaibh ris an deas. An-diugh chan eil cruachan mòna ach tearc oir tha i air a buain le innealan a shadas a-mach, chan e fàdan, ach cnapan fada cruinn, coltach ri ìsbeanan.
Bliadhnachan air ais, mhothaich an Dr Fionnlagh MacLeòid gun robh taisbeanadh ann an Gailearaidh an Tate, ann an Lunnainn, le Carl André, de chàrn de bhreigichean a bha air a mheas mar obair ealain. Bha Fionnlagh den bheachd gur e obair ealain, gu dearbha, a bhiodh ann an cruach mhòna agus air dha tagradh a dheanamh dh’aontaich iad tè a chur suas anns an Lanntair. Thuirt Ruairidh Moireach, stiùiriche an Lanntair: “A-nis tha cruach a tha snasail còig-deug troigh ann am faid agus ochd ann an àird ri faicinn. Le bhith ga cur ann an gailearaidh tha e toirt air daoine beachdachadh air mar a bha obair na mòine a’ bualadh air beatha nan Gaidheal.”
Advertisement
Hide AdA’ cur gu mòr ris an taisbeanadh tha dealbhan bho na comainn eachdraidh a tha a’ sealltainn obair na mòna thar nan linntean.
Rud inntinneach, tha an t-arc-eòlaiche Anna Chaimbeul a’ taghadh faclan, abairtean agus seanfhaclan co-cheangailte ris an obair. Chan fheumadh a’ mhòine a bhith gann. Chanadh iad, “Tha na brògan an ceann shìos an taigh-mhòna.”